Caora

'S e creutair ceithir-chasach a tha anns a' chaora (Ovis aries).

'
Caora
Uain dhen bhriod "caoraich mhaola"
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Artiodactyla
Teaghlach Bovidae
Gèineas Ovis
Spèiseas O. aries
Ainm saidheansail
Ovis aries Linnaeus, 1758

Tha casan crodhanach air caoraich, mar a tha air crodh, fèidh, goibhrean agus muic.

Caora
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Eadar dròbhan nan tuathanaich mòra, treudan nan club stoc aig na bailtean croitearachd agus na treudan beaga aig croitearan fa-leth, tha iad cumanta air feadh Alba.

Tha daoine air a bhith ri àrach chaorach bho linn a' Bhìobaill. Cumar iad airson caochladh adhbharan: airson clòimh, airson feòil agus (uaireannan) airson bainne. Chanar "cìobair" ri fear no tè a bhios a' coimhead às dèidh chaorach air ceann a chosnaidh.

Tha iomadh briod chaorach ann. San latha an diugh is iad "Caoraich Dubh-cheannach" agus "Caoraich Mhaola" as cumanta air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha na dubh-cheannaich nas righinn na na Caoraich Mhaola, agus fanaidh iad beò air monaidhean Alba fad a' gheamhraidh, air an fheurach a-mhàin bidh cuid ag ràdh (ged a chanadh feadhainn eile gur h-e dearg amaideas a tha seo). Tha na caoraich mhaola nas motha agus nas truime, agus gheibh iad prìsean as fheàrr aig fèilltean-reic nan uan a tha gan cumail gach foghar, ach feumaidh iad biathadh geamhraidh; mar sin tha iad nas daora a ruith. Ach tha iad fhathast fìor thapaidh.

'S iad caoraich mhaola a tha rim faicinn san dealbh air an duilleig seo. 'S iad seo "Na Caoraich Mhòra" bhon tàinig an abairt "Bliadhna nan Caora Mhòr", agus a dh'adhbharaich (ann am pàirt) fuadach nan Gàidheal.

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Dealbhan

Tags:

CrodhFiadhMuc

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Bogsa-litrichean1400an1544CòiseamMaramureş (Siorrachd)Star Wars1686Henry DieckhoffBinidPorthaethwyCinn RosaidhShintoAlmereLoch LuganoZundertCo-chomharran an DomhainSelenium1934BBC Radio 6 MusicAn t-SuainDi-ArdaoinCamanachd UibhistBBC a dhàBedřich Smetana2015Brabhsair-lìnNa MarquesasAn Eaglais Bhreac1652Richard Fred Heck23 an t-IucharSaltney1995SaidheansCollège de FranceCeàrn dearg13 an t-ÒgmhiosReul-eòlas1183Di-LuainRussell CroweHTMLMayotteCoimeasachPàrtaidh Sòisealach na h-Alba4881860PiastJoe BidenCorp-eòlasIoràn1954Duine-uasalTaghadh Albannach 2016IoràcStèisean-rèileMangaineisNiueBaile1200ClachOllamhMichiel HuismanUileannInnis TìleÀineBarcelona (provincia)BealaruisisAlþingiNew Castle, DelawareAnton ChekhovBernburgIain MacGilleEathain (Bàrd Thighearna Cholla)Laideann🡆 More