Sgùrr Alasdair

'S i Sgùrr Alasdair a' bheinn as àirde anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach.

Le 992m de dh'àirde 's e Beinn Rothaich a th' ann.

Sgùrr Alasdair
Sgùrr Alasdair
Sgùrr Alasdair (sa mheadhain), a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha Sgùrr Thearlaich air an làimh chlì is Sgùrr Sgumain air an làimh dheis dhen dealbh
Àirde (m) 992
Àirde (tr) 3,254
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr Alasdair is located in Alba
Sgùrr Alasdair
Sgùrr Alasdair (Alba)
Suidheachadh An t-Eilean Sgitheanach
Sreath bheanntan An Cuiltheann
Mapa cumadh-tìre Landranger 32
Comharradh-clèithe NG45002080

Shreap Alexander Nicolson Sgùrr Alasdair ann an 1873 airson a’ chiad turais, agus thathar ag ràdh gur esan a’ chiad duine a-riamh a sheas air a mullach. Às dèidh do Norman Collie faighinn a-mach ann an 1887 gur h-i a' bheinn seo an tè às àirde sa Chuiltheann, thugadh an t-ainm Alasdair oirre gus urram a thoirt do Nicolson. Ach ged a thathar ag innse gur esan a’ chiad duine a-riamh a bha shuas oirre, tha rud iongantach mun sgeulachd sin. Chaidh cìobair a bhoineadh dhan àite, fear Aonghas MacRath, còmhla ri Nicolson air a’ chiad chuairt aige agus lean esan e dhan mhullach. Tha sin a’ toirt a chreidsinn gun robh Aonghas eòlach sa bheinn mar thà, agus dh'fhaodadh e a bhith nach b' e Nicolson idir a’ chiad duine a sheas air mullach Sgùrr Alasdair. Chanadh daoine ionadail Sgùrr Lagain rithe bho thùs agus chleachd Alexander Nicolson fhèin an t-ainm sin.

Tha Loch Coir' a' Ghrunnda san deas dheth.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 451 207

Tags:

An CuiltheannAn t-Eilean SgitheanachBeinn Rothaich

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Antidorcas marsupialisKölsch186111 an GibleanKhartoumCànanan Innd-EòrpachInneal broinne-losgaidhCànanachasRosgSeumas II AlbaBristolCeilt-ÌbeirisSankt PeterburgContae na Mí1788Prionnsalachd VerdenAibidilPòlaisTeagasgAndorraAn UngairRaon GhàsaRumantschPàipearDamhan-allaidhPrìomh-DhuilleagEastoinisCSSPagastànDetroitCoimpiutaireachdLantanumNeo-eisimeileachd na h-AlbaDealanAfraga2002An FhraingSuainisAlbaceteRiochdaire fhilmicheanHartmut MichelÀireamhairEudorcas rufifronsBonnach-uigheElie WieselDanielNorðurland vestraCòceinMatamataigTÀiteachasHelsinkiKhoruzhivka (Sumska Oblast)BraisilMölnlyckeAdhbharachas's-HertogenboschPoblachd na h-ÈireannFoghlamNeda NezhdanaInnsbruckLiechtensteinBall-coise Aimearaganach1830anPoblachd Meadhan AfragaImmanuel Kant1630SòidiumColaiste DartmouthJean-Marie LehnEòlas-comainnAn Dàrna CogadhLoch Tatha1699Riaghaltas na h-Alba🡆 More