Securitate

B' e feachd poileis dìomhair oifigeil Stalineach a bha an sàs ann an Romàinia a bh' ann an Departamentul Securității Statului (Gàidhlig: Roinn Tèarainteachd na Stàite, ainm àbhaisteach: Securitate, IPA: ˈsekuriˈtate, giorrachadh: DSS).

Departamentul Securității Statului
Securitate
Stèidhichte 30 an Lùnasdal 1948
Suidheachadh Strada Demetru I. Dobrescu 2, Bucharest
Securitate

Chaidh an Securitate a chruthachadh air 30 an Lùnasdal 1948 le Pàrtaidh Comunnach Romàinia, fhad 's a bha Ana Pauker os cionn a' Phàirtidh agus an dùthaich fo sgàil an Aonaidh Sobhiataich. Chleachdadh an NKVD mar mhodail. Phaisg an Securitate na slatan air 30 an Dùbhlachd 1989, aig àm Rèabhlaid Romàinia. Bha an Securitate am measg nam feachdan na bu mhotha dhen t-seòrsa anns a' Cho-aonta Warszawa, an taca ris an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Romànina aig an àm. Anns a' chiad bhuidsead ann an 1948, chuireach mu seach airgid airson 4,641 dreuchd, agus dh'fhastaich 3,549 gu ruige a' Ghearrain 1949 agus iad seo: luchd-obrach (64%), luchd na tuatha (4%), clàrcan (28%), innleachdail (2%) agus daoine eile (2%). Dh'fhàs feachd-obrach na Securitate còig tursan gu ruige 1951, agus san Fhaoilleach 1956 bha 25,468 ag obair às leth na buidhne. San àrd-bhlàth, bha mu 11,000 ag obair ann agus mu 500,000 luchd-fiosrachaidh an lùib sin, ann an dùthaich far nach robh ach 22 muillean daoine nan tàmh ann an 1985. Fo Nicolae Ceauşescu, b' e an Securitate an t-seirbheis phoileis dhìomhair na bu bhrùideile san t-saoghal air fad, agus iad a' gabhail ri ainneart, craonadh agus murt gu leòr. Thathar daonnan a' cantainn gu robh neach-fiosrachaidh na Securitate anns gach uile oifis, sgoil, taigh-gnìomhachais neo bloca fhlataichean, bho Horodiștea gu Zimnicea.

Ìobairtean na Securitate

Iomraidhean

Tags:

19481949195119561985198930 an Dùbhlachd30 an LùnasdalAinmAirgeadAm FaoilleachAn GearranAn t-Aonadh SobhiatachAna PaukerCo-aonta WarszawaDùthaichFactaraidhGàidhligIPANicolae CeauşescuPàrtaidh Comunnach RomàiniaRomàiniaSaoghalSgoilStalineachd

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Drochaid1992SpruisSomma Lombardo16 an t-IucharDùthaichKhmelnytskyiMeagsago26 am FaoilleachPàisteGustav KirchhoffNeach-teagaisgSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a Deas135112001846AstràiliaSeinneadairGasSpioradalachdSchleswig-HolsteinBulgàiriaÙisdean MacDhiarmaid1930Roinn-tìdeAonadh-ciùird1882Gnothachas546 RCBliadhna-leumCeòl-sgrìobhaicheNa LochlannaichMinsk17451889Gini-BissauF. W. de Klerk1950Arainn1977DuitsisMìosachan GriogarachPoblachd na Cròthaise2014GaisgeachDasht-e KavirSegovia182119 an LùnastalCùba28 am FaoilleachEdwin MorganMariehamnAsarbaideànÌosa CrìosdAn Cogadh MòrCòmhdhailPoblachd Dhoiminicia3 an LùnastalSuòmaidhAn ÈipheitDenverBeiliseEòlas-inntinn5 an t-ÒgmhiosStaoinebrigToni MorrisonBeurla226BariumFirefoxBathar-cruaidhEugenio Montale🡆 More