'S e film Gàidhlig le Simon Miller a tha ann an Seachd, 's esan na stiùiriche airson a chiad uair, stòiridh le Simon Miller agus Joanne Cockwell.
Tha a chleasaiche òg Pàdruig Moireasdan ann còmhla ris a' bhàrd is sgrìobhaiche Aonghas Pàdraig Caimbeul. Thoisich filmadh anns a' Ghiblean 2006 timcheall air Am Bioran Do-Ruigsinneach aig mullach an Sgurr Deirg sa Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach, agus chrìochnaich e anns an Ògmhios 2006. Bha prìomh-taisbeanadh an fhilm aig an Celtic Media Festival (https://web.archive.org/web/20070203030532/http://www.celticfilm.co.uk/) anns a' Mhart 2007.
Làn fhìrinn na sgeòil. Tha Aonghas air a bhith air tòir na fìrinn o òige, miann a tha a' teannachadh na inntinn 's na chorp nuair a thuigeas e gu bheil am bàs gu laighe air a sheanar. Tha fios aig Aonghas gu bheil an t-àm dha eòlas a chur air an fhìrinn mu bhàs a phàrantan 's cuideachd mu sgeulachdan a sheanair, sgeulachdan iongantach, eagalach a thug air cuairt tro eachdraidh nan Gaidheal iad. Tha Aonghas 's a sheanair a' gabhail aon chuairt eile còmhla, cuairt a tha gan toirt gu mullach Sgùrr Dearg 's gu fìrinn ris nach robh dùil sam bith.
Ri thighinn…
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Seachd, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.