Antioquia San Luis

'S e baile beag ann an Antioquia, Coloimbia, a th’ ann San Luis.

Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha faisg air El Santuario aig 1,050m os cionn ìre na mara agus 116km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1875.

San Luis (Antioquia)
Antioquia San Luis
municipality of Colombia
Cur air cois25 dhen Lùnastal 1876 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailEastern Antioquia Deasaich
Domhan-leud is -fhad Deasaich
Làrach-lìnhttp://sanluis-antioquia.gov.co/sitio.shtml Deasaich

Eachdraidh

Ri linn fàs Antioquia, san dàrna leth dhen 19mh Linn, thàinig aig an t-Sagart Clemente Giraldo air slighe gu deas chun na talmhainn bhàn a shealltainn do fheadhainn a bha airson croitean a stèidheachadh dhaibh fhèin. Chaidh am baile seo a chur ait dòigh ann an 1875 agus fhuair e a chuid chòirichean ann an 1882. 'S e Samuel Gómez, José María Gómez, Silverio Hernández, Serafín Yepes, Nepomuceno Castaño, Cayetano Rivas, José María Suárez, Emigdio Suárez, Ramón Giraldo, Antinógenes García, Sergio Marín agus Antonio González na ràinig còmhla ris an t-sagart.

Sluagh a' bhaile

Tha 10,987 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 6,105 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ ann an San Luis fhathast.

A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San Luis, agus 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.4% dhe na daoine ann an San Luis leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 14.3% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San Luis. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Tags:

Antioquia San Luis EachdraidhAntioquia San Luis Sluagh a bhaileAntioquia San Luis FèiseanAntioquia San Luis Ceanglaichean a-machAntioquia San Luis IomraidheanAntioquia San Luis1875Antioquia (Roinn)ColoimbiaEl SantuarioGnàth-shìdeMedellín

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

TorontoCòrn Sasannach2 an Gearran1835AfganastanBocsa1504Alasdair UaibhreachCuan SèimhNa h-Eileanan FilipineachAn Rìoghachd AonaichteNa Stàitean AonaichteAchd na Gàidhlig 2005Ealain-lèirsinneachSuainisImmanuel Kant1986P7mh LinnTaigh na h-UiseigLee MarvinJakarta24 an GibleanFreetownPrìosanKarachi19 an GearranAn Innd-InnseIain Eairdsidh MacAsgaillDigital Object IdentifierSileadhSvalbard30 an t-SultainMalairtCian-chonaltradh1470anGiùlanGeòlasMosgoJosé Vicente ConchaRìgh Juan Carlos I na SpàinneCànan1960DàirichColannGnothachas12 an t-ÒgmhiosBurundaidhBreatainn MhòrEunCruinn-eòlasCailein T. MacCoinnich1 an GearranMisael Pastrana BorreroBall-coiseReykjavíkEastoinisMarie AntoinetteCatEòlas-inntinnSlàinteSasainnEun-creachaidh🡆 More