B' e neach-ealain à Catalòinia a bha ann an Salvador Dalí i Domènech.
Tha e ainmeil airson obrach mar dhealbhan is filmichean os-fhìreach.
Salvador Dalí | |
---|---|
Guth | |
Beatha | |
Ainm slàn | Salvador Domingo Felipe Jacinto Dalí i Domènech, Salvador Felipe Jacinto Dalí i Domènech |
Breith | Figueres (en) , 11 dhen Chèitean 1904 |
Dùthaich | An Spàinn |
Àite-fuirich | Figueres (en) Eabhraig Nuadh |
Ciad chànan | Catalanais |
Bàs | Figueres (en) , 23 dhen Fhaoilleach 1989 |
Àite-adhlacaidh | Dalí Theatre and Museum (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stad a' chridhe) |
Teaghlach | |
Athair | Salvador Dalí i Cusí |
Màthair | Felipa Domènech i Ferrés |
Cèile | Gala Dalí (en) (8 dhen Lùnastal 1958 - 10 dhen Ògmhios 1982) |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Foghlam | |
Foghlam | Real Academia de Bellas Artes de San Fernando (en) (1922 - 1926) |
Cànain | Beurla Spàinntis Fraingis Catalanais |
Oileanaich | International Chrysis (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair, snaidheadair, sgrìobhadair, actair, stiùiriche fhilmichean, sgrìn-sgrìobhaiche, neach togail dhealbhan, actair film, scenographer (en) , dealbhadair, jewelry designer (en) , graphic artist (en) agus holographer (en) |
Com-pàirtiche | |
Àitichean-obrach | Madrid, Paris, Mauritshuis, Prinsenhof (en) , An Fhraing, Na Stàitean Aonaichte, An Spàinn, Tel Aviv, Singeapòr, Manhattan (en) , Delft agus Den Haag |
Obraichean comharraichte | The Persistence of Memory (en) Christ of Saint John of the Cross (en) The Sacrament of the Last Supper (en) The Great Masturbator (en) Soft Construction with Boiled Beans (en) The Face of War (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Buaidh | Friedrich Nietzsche, Pablo Picasso agus Hieronymus Bosch |
Ballrachd | Académie des beaux-arts (en) Acadamh Rìoghail Saidheansan, Litrichean is Ealain Fhìnealta na Beilge |
Gluasad | os-fhìreachas |
Far-ainmean | Dali, Salvador agus Dalí Domènech, Salvador |
Gnè ealain | dealbh neo-bheò peantadh genre portrait (en) dreachan-tìre allegory (en) religious art (en) |
IMDb | nm0198557 |
salvador-dali.org | |
Rugadh is thogadh ann am Figueres agus chaidh e gu sgoil-ealain ann am Madrid ann an 1920. Chaidh fhuadachadh ann an 1923 is thill e ann an 1924. Chaidh Un Chien Andalou ('Cù à Andalusia'), film a rinn e còmhla ri Luis Buñuel, a thaisbeanadh ann am Paris ann an 1929. Thaisbean e an dàrna film aige, L'age d'Or ('Linn an Òir') ann an 1930 agus dealbh ainmeil The Persistence of Memory ('Leantalachd a' Chuimhne'). Phòs e Gala (Elena Ivanovna Diakonova) ann an 1934 is theich an dithis Eòrpa ann an 1940. Dh'fhuirich iad sna Stàitean Aonaichte gu ruige 1948 is e a' co-obrachadh le Alfred Hitchcock air an fhilm Spellbound. Stèidhich e an taigh-tasgaidh Dalí ann am Figueres ann an 1970. Chaochail e ann an 1989. Thug Diego Velázquez buaidh uabhasach làidir airsan.
Dhealbh e Crìosta Naomh Iain a' Chrois ann an 1951 is cheannaich Comhairle Baile Ghlaschu e ann an 1952. Tha e air thaisbeanadh aig taigh-tasgaidh Kelvingrove. Rinn e 11 cruthan-ealain de ghiomach agus fòn airson Edward James agus tha aon dhaibh fhathast ann an Alba.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Salvador Dalí, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.