Twitter: Goireas lìonrachaidh shòisealta air-loidhne Ameireaganach

Is e goireas lìonrachaidh shòisealta air-loidhne a th' ann an Twitter (/ˈtwɪtər/) far am bi luchd-cleachdaidh a' cur theachdaireachdan goirid de 140-caractar gu an luchd-leantainn.

Theirear "ceilearadh", " tweeteadh" no "tweetigeadh" ri seo mar eadar-theangachadh air a' Bheurla "tweeting".

Is urrainn do luchd-cleachdaidh clàraichte brathan, ris an abrar tweets no bìogan sa Ghàidhlig, a leughadh agus a chur, agus faodaidh luchd-cleachdaidh neo-chlàraichte an leughadh. Stèidhichte ann an San Francisco, tha còrr is 25 oifisean aig Twitter Inc. air feadh an t-saoghail.

Chaidh Twitter a chruthachadh sa Mhàrt 2006 le Jack Dorsey, Evan Williams, Biz Stone agus Noah Glass, agus a chur air bhlàr ron Iuchar 2006. Bhon uair sin, ghrad-fhàs daoine air fad is leud na cruinne measail air an t-seirbheis, gus an robh 100 millean duine ga cleachdadh an 2012, 's iad a' cur 340 millean brath gach latha. Cuideachd, bha an t-seirbheis a' faighinn 1.6 billean ceistean-rannsachaidh san latha agus an 2013, bha i air tè de na 10 làraichean as motha a fhuair de thadhal air an eadar-lìon.

Ceanglaichean a-mach

Twitter: Goireas lìonrachaidh shòisealta air-loidhne Ameireaganach 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

ArkansasAn Ear MheadhanachSileaconTelebhiseanHans BlixTràilleachd28 am FaoilleachFraingisMonroviaAibidil LaidinneachOilthigh Chill Rìmhinn1626MianmarOhioUnion List of Artist NamesAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannAmsterdamLàn-thoradh DùthchailÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteAbhainn ChluaidhPalastain2000Ealain-lèirsinneachFionnlannaisGeelongBiblioteca Nacional de España10 an t-ÒgmhiosLisbonNeach-teagaisgColoimbiaIeremiah14661875TongaBogotáAsarbaideànBathar-cruaidhBerneDubaiNa h-OlympicsMichael Jackson7mh Linn1932Schleswig-Holstein2021Na Stàitean AonaichteCoimpiutaireachdAm Muir Caraibeach120018651553LeasotoLiotuàiniaAchadh na FeàrnaOilthigh Lunnainn2004Na h-Eileanan CanàrachUilleam III Shasainn is II AlbaBànrigh Ealasaid II620anAn GibleanHampshire Nuadh1792Mì-rian oireach na pearsantachdMarc ParrotPàipear-èibhinnAm Manifesto Comannach🡆 More