Sileadh

Ann an sìde-eòlas agus ann an gnàth-shìde, 's e a h-uile sèorsa uisge a thuiteas bhon àile agus a ruigeas an talamh a th' ann an sileadh (Gàidhlig Mhanainn: Frassaghey, Gaeilge: báisteach).

Bheir sin a-steach uisge fhèin, ceòban, sneachd, flin, clachan-meallain, ach cha toir sin a-steach bhiorga, ceò air neo driùchd, a tha nas coltaiche ri co-dhlùthachadh na sileadh fhèin. Canar uisge-adhair ris na tuiteas de shilidh air an aon àite.

Sileadh
Sileadh anns an Danmhairg

Tha sileadh na phàirt gu math cudromach a' cearcaill uisge, leis gun toir e bùrn ùr dhan talamh, a bhrosnaicheas am beatha sa phlanaid againn, an dà chuid do dh' ainmhidhean agus do lusan, a dh' fheumas an t-uisge airson a thighinn beò. 'S ann anns na sgòthan a thoisicheas an sileadh, is tuitidh an t-uisge ann am boinnealaich nuair a bhios na sgòthan loma-làn, is bheir cumhachd iom-thàirnge gu tìr iad. 'S urrainnear sgòthan a chruthachadh gus an sileadh a thoirt dhan talamh ma sgaoilear stuth ceimigeach san adhar (mar airgead-niotrait) a-measg nan sgòthan. Bheir sin piseach air na boinnealaich agus bidh sileadh an lùib an ceann greiseig, ged nach eil an sileadh seo fhathast cho math 's a ghabhas.

Ged is e an t-uisge a chithear mar as trice, chan urrainear dhìochuimhneachadh gu bheil seòrsaichean eile ann, mar an t-sneachd agus na clachan-meallain. Thathar gan seòrsachadh ann am buidhnean eadar-dhealaichte cuideachd.

Ceanglaichean A-muigh

Iomraidhean

Sileadh 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

DriùchdFlinGaeilgeGnàth-shìdeGàidhlig MhanainnSneachdTalamhUisgeUisge-adhairÀile

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

SpòrsNa Stàitean AonaichteGearradh-armFilm20mh LinnLaideannMariehamnFriedrich EngelsLaghÀrsaidheachdFoghlamPàipear-naidheachdCleasaicheNa Tìrean Ìsle1878SudanNa h-AimearaganBeàrnaraigh na HearadhSiùrsachdAn t-Aonadh EòrpachAn SpàinnDenverNiocaraguaEòlas-comainn390Nicosia9 an GearranBàrdachdFresgoeGall-Ghàidhealaibh800SlòbhacaisSluagh-phoblachd na Sìne2020An FhraingCuan na h-ÈireannCoimpiutair25 an t-IucharLunnainn11 am Faoilleach226Lùth ath-nuadhachailBuain na mònaCroitearachdLeòmhannLideRuith-airgid15 an Giblean1927RubhandaETuinisiaAimearaga a Tuath19 an Gearran1778Santo DomingoCòrnais14822007CeimigeachdCosta Ìbhri1923DùthaichTomás Herrera4 an DùbhlachdMìosachan GriogarachArainnBaile a' ChipNeach-laghaUilleam III Shasainn is II Alba🡆 More