Innis Tìle: Eilean agus dùthaich anns an Roinn-Eòrpa

'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle neo Innis Tile aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa.

'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle. 'S e Eaglais Innse Tìle an eaglais as treasa na dùthcha.

Lýðveldið Ísland
Innis Tìle: Eachdraidh, Tir-eòlas, Roinnean
Bratach
Innis Tìle: Eachdraidh, Tir-eòlas, Roinnean
Gearradh-arm
Innis Tìle: Eachdraidh, Tir-eòlas, Roinnean
Laoidh Nàiseanta
Lofsöngur
Cànan(an) oifigeil Innis-Tìlis
Prìomh-bhaile Reykjavík
Baile as motha Reykjavík
Riaghaltas Poblachd phàrlamaideach
Ceann-suidhe Guðni Th. Jóhannesson
Prìomh-mhinistear Katrín Jakobsdóttir
Ceann-suidhe Alþingi Sturla Böðvarsson
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Danmhairg
1 an Gearran 1904
Poblachd 17 an t-Ògmhios 1944
Farsaingeachd
Iomlan 103,000 km² (107mh)
Uisge 2.7 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan 316,252 (172mh)
Dlùths 3,1/km² (233mh)
LTD/CCC (2006)
gach pearsa $40,277 (2005) (5mh)
Roinn tìde GMT (UTC+0)
Ruith-airgid Icelandic króna
Prìomh àrainn-lìn .is
Còd Àireamh fòn 354

Eachdraidh

'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach. 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:

Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi

(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)

Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealachd a bh' ann o shin.

B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.

Tir-eòlas

Innis Tìle: Eachdraidh, Tir-eòlas, Roinnean 
Innis Tìle san Iuchar, dealbh bhon NASA

Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.

Roinnean

'S ann ann an ochd roinnean a tha Innis Tìle air a sgarradh airson adhbharan staitistigeil, ged a thathar a' riaghladh na dùthcha aig ìre ionadan cathrach (Innis Tìlis: Sveitarfélag). Cithear, mar a leanas, liosta nan roinnean agus an uiread dhaoine a tha a' fuireach ann, a bharrachd air farsaingeachd na tìre:

Innis Tìle: Eachdraidh, Tir-eòlas, Roinnean 
Sgìrean Innis Tìle
Roinn Àireamh-sluaigh % Nàiseanta Farsaingeachd
Austurland 15,300 4,41 % 22,721 km²
Höfuðborgarsvæðið 222,590 63,32 % 1,042 km²
Norðurland eystra 29,081 9.08% 22,695 km²
Norðurland vestra 7,810 2.31% 12,737 km²
Suðurland 23,211 7,46 % 24,256 km²
Suðurnes 27,113 6,60 % 829 km²
Vestfirðir 7,309 2.32% 9,409 km²
Vesturland 15,025 4,84% 9,522 km²

Bailtean Mòra

Seo liosta nan deich bailtean as motha san dùthaich.

Litreachas

'S ann làidir 's a tha traidisean sgrìobhaidh ann an Innis Tìle. Bhuannaich Halldór Laxness an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1955 agus bidh rudeigin mar aon duine thar 10 a sgrìobhas leabhar.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Innis Tìle: Eachdraidh, Tir-eòlas, Roinnean 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Innis Tìle EachdraidhInnis Tìle Tir-eòlasInnis Tìle RoinneanInnis Tìle Bailtean MòraInnis Tìle LitreachasInnis Tìle IomraidheanInnis Tìle Ceanglaichean a-machInnis TìleAlþingiAn Cuan SiarAn Roinn-EòrpaCànanEachdraidhEaglaisEaglais Innse TìleEileanLochlannReykjavik

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

80315611700Laoidh NàiseantaEachdraidhAn RuisGall-Ghàidhealaibh NuadhRiga1944JDà-chànanasCànanachasAiltireachdMasadoinia a TuathNa Staitean Aonaichte4792003A' Bhreatainn BheagC.B. Hamaltan Acadamach1957Eadar-lìonBàta-smùidAonghas Pàdraig Caimbeul898Tim Berners-LeeOilthigh WarwickPagastànWilhelmshaven25 am MàrtBratach a' bhaileBeanCabhcasBouches-du-RhôneNa Stàitean Aonaichte547Raibeart I na h-AlbaPocanachNaoiseBeurla ReagairdAn Talamh (planaid)Poileataigs na h-Alba200William ShakespeareQTaigh nan CumantanNa h-Eileanan SiarTennesseeOlshammar613Dùthaich nam Basgach (mòr-cheàrn)Cille Bhrìghde (Siorrachd Dhùn Phrìs)Meadhan-aoisean27 an GearranWiki Commons1898George LucasAlasdair UaibhreachBrazzavilleGlaschu799Iob1015Massachusetts30 am MàrtVillanueva de los InfantesBriatharAn Innd-Innse660BreitheamhMichael Bauer17501429🡆 More