Caora

'S e creutair ceithir-chasach a tha anns a' chaora (Ovis aries).

'
Caora
Uain dhen bhriod "caoraich mhaola"
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Artiodactyla
Teaghlach Bovidae
Gèineas Ovis
Spèiseas O. aries
Ainm saidheansail
Ovis aries Linnaeus, 1758

Tha casan crodhanach air caoraich, mar a tha air crodh, fèidh, goibhrean agus muic.

Caora
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Eadar dròbhan nan tuathanaich mòra, treudan nan club stoc aig na bailtean croitearachd agus na treudan beaga aig croitearan fa-leth, tha iad cumanta air feadh Alba.

Tha daoine air a bhith ri àrach chaorach bho linn a' Bhìobaill. Cumar iad airson caochladh adhbharan: airson clòimh, airson feòil agus (uaireannan) airson bainne. Chanar "cìobair" ri fear no tè a bhios a' coimhead às dèidh chaorach air ceann a chosnaidh.

Tha iomadh briod chaorach ann. San latha an diugh is iad "Caoraich Dubh-cheannach" agus "Caoraich Mhaola" as cumanta air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha na dubh-cheannaich nas righinn na na Caoraich Mhaola, agus fanaidh iad beò air monaidhean Alba fad a' gheamhraidh, air an fheurach a-mhàin bidh cuid ag ràdh (ged a chanadh feadhainn eile gur h-e dearg amaideas a tha seo). Tha na caoraich mhaola nas motha agus nas truime, agus gheibh iad prìsean as fheàrr aig fèilltean-reic nan uan a tha gan cumail gach foghar, ach feumaidh iad biathadh geamhraidh; mar sin tha iad nas daora a ruith. Ach tha iad fhathast fìor thapaidh.

'S iad caoraich mhaola a tha rim faicinn san dealbh air an duilleig seo. 'S iad seo "Na Caoraich Mhòra" bhon tàinig an abairt "Bliadhna nan Caora Mhòr", agus a dh'adhbharaich (ann am pàirt) fuadach nan Gàidheal.

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Dealbhan

Tags:

CrodhFiadhMuc

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Àirde1838Neach-teagaisgEaglais Chaitligeach3 an LùnastalBàrdCasachstànDuran DuranSileaconGall-GhàidhealaibhIòrdan (dùthaich)Còd Àireamh fòn eadar-nàiseantaLiotuàinia15531379CànanachasBun-sgoil Taobh na PàirceToni MorrisonOllamhSyracuse, Eabhraig Nuadh626Somma LombardoMontanaLazarillo de TormesAstràilia a Deas10 an t-ÒgmhiosCatalanais20142060anPàrtaidh Comunnach RomàiniaCiNiiPoileataigsNa h-Eileanan CanàrachUisge-beathaStuttgartSinéad O'ConnorCoimpiutaireachdAn GibleanBoston, MassachusettsBeiliseDi-LuainDeòrsa I Bhreatainn is ÈireannPunjabi (cànan)Oklahoma1941Lùth ath-nuadhachailAn Caisteal Nuadh, A' Chuimrigh Nuadh o DeasSalannGearmailtisSeanailearJosé Vicente ConchaDàin do Eimhir60125 an t-IucharMeagsagoMadrid2003An IapanA' Ghrèig ÀrsaidhGintinneachdOhio620anCaracas23 an GibleanÀiteachas334Andrés Pastrana ArangoBangui1994Neach-laghaCruinn-eòlas20mh LinnAn Tàinistear6 am MàrtPoilinèis na Frainge🡆 More