Rob Donn Macaoidh

B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Rob Donn MacAoidh (1714–1778) no Rob Donn mar as fheàrr a dh'aithnichear e.

Rob Donn MacAoidh
Beatha
Breith Allt na Caillich, 1714
Dùthaich Rob Donn Macaoidh Alba
Bàs 1778
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Buaidh Alexander Pope (en) Translate
Gnè ealain bàrdachd

Beatha

Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich ann an Dùthaich MhicAoidh. Nuair a bha e fhathast na ghille òg chaidh e dh'fhuireach ann an taigh Iain MhicEachainn, fear-taca na sgìre. Bha Rob na chìobair do dh'Iain MacEachainn agus cuideachd thug e a dhà no thrì bliadhnaichean anns an arm.

Bàrdachd

Rob Donn Macaoidh 
Carragh-chuimhne ann am Baile na Cille

Bha liut air leth aig Rob Donn air a bhith a' dèanamh bàrdachd agus gu sònraichte air a bhith a' fanaid air daoine a b' aithne dha - ge b'e cho àrd no ìseal 's a bha an seasamh sa choimhearsnachd - agus tachartasan a ghabh àite ann an Dùthaich MhicAoidh. Dh'fhàg e còrr is dà cheud dàn as a dhèidh, air an sgrìobhadh sìos le daoine a bh' air èisteachd riutha o bheul a' bhàird fhèin. Cha robh comas leughaidh no sgrìobhaidh aig Rob Donn.

A-measg nan dàn as ainmeile aige tha marbhrann sgaiteach a rinn e do chloinn Fhir Taigh Ruspainn, marbhrann àlainn do dh'Iain MacEachainn agus dà òran a' nochdadh bàidh don Phrionnsa Teàrlach, ged nach b'ann air taobh a' Phrionnsa a bha Dùthaich MhicAoidh. Sgrìobh e cuideachd 'Cead Fhir Bhìoguis don Fhrìth', a tha a' nochdadh na tlachd a bha e a' gabhail ann a bhith a' sealg, agus òran-gaoil ainmeil a tha fhathast ga sheinn an-diugh, air a bheil 'Iseabail NicAoidh'. Bha deagh chuid de na dàin aige air leth èibhinn agus tha dà fhear aca seo fhathast ga sheinn gu tric cuideachd, 'Briogais Mhic Ruaraidh' agus 'Thèid Mi Cuide Riut'.

Cha robh sgoil aig Rob ach bha e eòlach air obair a' bhàird Shasannaich ainmeil Alexander Pope, tro chòmhraidhean le ministear na sgìre, an t-Urramach MacDhòmhnaill, agus chithear a' bhuaidh a bh' aig stoidhle agus smuaintean Phope air torr den bhàrdachd aig Rob Donn ach gu sònraichte air na marbhrainn.

Dàin

  • Turas Dhàibhidh do dh’Arcaibh An Lasair, d.280-5
  • Spìocairean Ruspainn An Lasair, d.234-7
  • Is Trom Leam an ÀirighAn Lasair, d.142-3

Sgrìobhaidhean mu a dhèidhinn


Iomraidhean

  • Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Rob Donn Macaoidh BeathaRob Donn Macaoidh BàrdachdRob Donn Macaoidh IomraidheanRob Donn Macaoidh Ceanglaichean a-machRob Donn Macaoidh17141778

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

22 an Lùnasdal29 an LùnastalCalgaryBulgàiriaLiosta nam beann ann am Barraigh2012Làrach-lìnNoemi1941Gini Nuadh PhaputhachNa h-Eileanan AsgrabGuiana FhrangachWalter ScottCìorgastanAlasdair mac Mhaighstir AlasdairOpossumÀisia881Na h-AilpeannanAn t-Eilean SgitheanachBrùnaigh893DuitsisCrann-treabhaidh2021MainzLa HabanaAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannLaideannCalabriaKhartoumDèighcumadh1966Eadar-lìon1649LaidinSteve JobsBiadhMìosachan IulianachActair276AlbàiniaCàmhalEòlas-nàdairOntarioSeacaisAn SpàinnBert WeedonSealainn Nuadh1213BotsuanaAlbannach5 an t-IucharSeòras III1931Leonardo Da VinciVirtual International Authority FileStafa6mh linn RCCabhlachDi-dòmhnaichMoldàibhiaBeurla Ghallda an Ear-thuath a Deas1845TuiliumCharles DarwinTorc fiadhaichMusine Kokalari1823ÌleDà-chànanas🡆 More