Tha loidig mhatamataigeach) 'na fho-chuspair matamataig a bhuineas ri siostaman foirmeil agus mar a tha iad a’ cur rian air bun-bheachdan imfhiosach de chuspairean matamataig, mar tha seataichean, àireamhan, dearbhaidhean agus giollachd fiosrachaidh.
Tha ceithir fo-roinnean ann: teòiridh nan seataichean, teòiridh ath-fhillidh, teòiridh dhearbhaidh agus teòiridh shamhailean.
Thoir an aire nach eil loidig matamataigs a th' ann ach loidig mhatamataigeach. Chan ann ach na roinnean loidig aig a tha tuairisgeul foirmeil matamataigeach.
Aig a bhunait, ’s e loidig Aristotle a th’ ann ged tha cruth ailseabra eas-chruthach air an-diugh. B' e George Boole agus Augustus De Morgan anns an Naoidheamh Linn Deug a chuir am follais dòigh òrdail matamataigeach airson loidig a mheasadh. Thàinig à seo inneal ùr a bha iomchaidh airson bun-bheachdan matamataig a rannsachadh, agus feallsanachd matamataig a shoilleireachadh gu mòr. Rinn Grigore Moisil sàr obair air a' chuspair seo.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Loidig mhatamataigeach, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.