Puerto Berrío

'S e baile meadhanach ann an Antioquia, Coloimbia, a th' ann am Puerto Berrío.

Puerto Berrío
Puerto Berrío Puerto Berrío
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Puerto Berrío
Sealladh air a' bhaile
Puerto Berrío
Suidheachadh
Dùthaich Puerto Berrío Coloimbia
Roinn Puerto Berrío Antioquia
Sgìre Magdalena Medio
Àirde 125m
Co-chomharran 06° 29' 35' Tuath
74° 24' 26' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,184 km²
Àireamh-shluaigh 38,935 (2005)
Dlùths 32.88/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte dìreach ri taobh na h-aibhne Mhagdalena, air an àirde an ear na roinne, aig 125m os cionn ìre na mara agus 192km air falbh bho Mhedellín. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 29˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1875.

Freumhan an Ainm

'S e Remolino Grande (Coilleag Mhòr) a' chiad ainm a bha air an aite sin, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Remolino (Coilleag) agus Grande (Mòr), bhon fhacal Grandis ann an Laideann. Tha am baile suidhichte ri taobh na h-aibhne Mhagdalena. 'S ann à ainm an Riaghladair Pedro Justino Berrío, a bhrosnaich leasachadh na sgìre, a thàinig an t-ainm a tha air a' bhaile an latha an-diugh.

Sluagh a' bhaile

Tha 38,935 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 4,760 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Berrío, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 12.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.8% dhe na daoine ann an Puerto Berrío leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig 56% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Puerto Berrío. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Puerto Berrío

Tags:

Puerto Berrío Freumhan an AinmPuerto Berrío Sluagh a bhailePuerto Berrío FèiseanPuerto Berrío IomraidheanPuerto Berrío Ceanglaichean A-machPuerto Berrío1875Abhainn MhagdalenaAntioquia (Roinn)BaileColoimbiaGnàth-shìdeMedellín

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

GhàidhligDùthchannan an t-SaoghailGuernsey2020Cogadh FuarImpireachd nan OtomanachFelidaeNa h-Eileanan FilipineachÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte1943Àireamh-shluaighPrìomh-mhinistear na Rìoghachd AonaichteCearcGealachTarja HalonenBeiliseCòiseam1816BulgàiriaAn Ranntair a TuathBreatainn MhòrLFaoileagObair (fiosaigs)LeasotoGnothachasF. Sherwood Rowland1650anKhayr al-Din al-RamliIBrùthadh àbhaisteachGearradh-arm2008Cuan SèimhParaguaidhIrène Joliot-CurieJohn Howard Northrop1930LunnainnPàipear-naidheachdNa h-Innseachan1955Alfred NobelApartheidHallands länWHawaii1827Cat19181320anAm Muir Meadhan-thìreachDi-haoineSchaffhausenCruinn-eòlas1891Tìr-mòr na SìneLars OnsagerDùthaich nan Tàidh1998BAm Baile SearCeilt-ÌbeirisAn t-Sile18311078Aonadh RugbaidhCopinsayAn t-ÒgmhiosBermuda1893Làthos🡆 More