Tha Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba na phàrtaidh poileatagach ann an Alba.
Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1998 |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Còirichean na Mnathan Feadaraileas Neo-eisimeileachad Poblachdas Sòisealtaa |
Oifisean | Suite 370, 93 Hope Street, Glaschu, G2 6LD Alba |
Cathraiche | Cailean Fox, Sandra Webster |
Suidheachain | Dùn Èideann: 0 Lunnainn: 0 15 Bruiseal: 0 |
Riaghaltas | Às an Riaghaltas |
Tha PSA a' seasamh airson Alba neo-eisimeileach sòisealach a dhèanamh mar pàirt na shabaid air feadh an t-saoghal an aghaidh calpachais. Tha am pàrtaidh an sàs anns na h-iomairtean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta an aghaidh gabhail-brath agus eu-ceartais.Tha freumhan aig Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba air an taobh chlì den seann pàrtaidh Làboraich.
Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh mar toradh dhan cìs-ceanna a chuir an Riaghaltas aig Margaret Thatcher air Alba an 1988. Bha beachd làidir an Alba gun robh mi-cheartas anns an nos-cise seo, o chionn 's gu robh e a' cur eallach nas truime air daoine bochda na air daoine beartach. Chuir mòran daoine an aghaidh agus dhiùlt cuid am pàigheadh ('s a' chiad dol a-mach co-dhiù). Is ann a' Phollokshields an Glaschu a nochd an diùltadh as làidir, fo cheannard Tómas Sheridan a bha fada ri taobh chlì a' phartaidh Làboraich, choisinn e cliù air sgath a làidiread 's an stri shiud, a dh'adhbharaich 's na bliadhnaichean as deidh guth polataigeach (fo bratach a' phartaidh a stèidhich e) ri na daoine as na sgìrean bu mhìosail an Alba.
Airson nan taghaidhean 2016 tha AM PPA na phàirt RISE, caidreachas na làimhe chlì.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.