Pàrtaidh Comunnach Romàinia

B' e partaidh poileatagach à Romàinia a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas agus Stalineachd a bh' ann am Partidul Comunist Român (IPA: parˈtidul kɔmunˈist rɔˈmɨn, giorrachadh: PCR, Gàidhlig: Pàrtaidh Comunnach Romàinia).

Partidul Comunist Român
Pàrtaidh Comunnach Romàinia
Pàrtaidh Comunnach Romàinia
Fiosrachadh
Stèidheachadh 8 an Cèitean 1921 gu 22 an Dùbhlachd 1989
Luchd-stèidheachaidh Gheorghe Cristescu, Vitali Holostenco, Elek Köblös, Boris Stefanov
Àite-Stèidheachaidh Bucharest
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Co-mhaoineas agus Stalineachd
Cathraiche Ana Pauker, Gheorghe Gheorghiu-Dej agus Nicolae Ceauşescu
Riaghaltas 1944 - 1989

Chaidh am PCR a stèidheachadh tron sgarradh on Phartidul Social Democrat Român (Gàidhlig: Pàrtaidh Comunnach Romàinia) ann am Bucharest ann an 1921. Cha do ghabh am PCR pàirt ann an taghadh no taghadh eadar na cogaidhean leis gu robh e fo thoirmeasg bho 1924 gu ruige deireadh an Dàrna Cogaidh. Ghabh am Pàrtaidh os làimh Riaghaltas na dùthcha, le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989. B' i Ana Pauker (Hana Rabinsohn) a bh' anns a' chiad cheannard comunnach na dùthcha ach chaill i a dreuchd ann an cur-fodha an aghaidh Iùdhaich sa Phàrtaidh, ann an 1952. Fhuair Gheorghe Gheorghiu-Dej ceannas na dùthcha gus a chaochail e le aillse ann an 1965. Chuireadh Nicolae Ceauşescu na àite, ach chaidh esan a chur gu bàs ann an Târgoviște ann an 1989. B' e Uniunea Tineretului Comunist (Gàidhlig: Aonadh nan Comannach Òga) a bh' ann a bhuidheann òigridh agus b' e Scînteia (Gàidhlig: An Sradag) a bh' ann pàipear-naidheachd a' pàirtidh.

Buill a' Phàirtidh

Iomraidhean

Pàrtaidh Comunnach Romàinia 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

19241944195219651989AillseAn Dàrna CogadhAn t-Aonadh SobhiatachAna PaukerBucharestCo-mhaoineasCogadhCur-fodha stàite (Coup d'État)DùthaichGheorghe Gheorghiu-DejGàidhligIPAIùdhachdNicolae CeauşescuPartaidh poileatagachPàipear-naidheachdRomàiniaStalinStalineachdTârgoviște

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasAm Manifesto Comannach2 Samuel1724SzczecinSinéad O'ConnorMinecraftLos Angeles20241989Gàidhlig Chanada19081120National Library of the Czech RepublicGini1980an1351Iain Eairdsidh MacAsgaill1941TongaConaltradhFirefoxEdwin Morgan197712 an DùbhlachdDeòrsa I Bhreatainn is ÈireannPàipear-naidheachdEun-creachaidh1447Dùthchannan an t-SaoghailMonroviaEòlas-comainn15451923Poblachd na CròthaiseSpòrsGeorgia (stàit)Aonadh-ciùirdSeumas VII Alba is II Shasainn1904Sluagh-phoblachd na SìneCiNii13431970anPoileataigs15 an DàmhairAn GibleanAsarbaideànAn Innd-InnseBudapestBerneCanterbury RegionBeàrnaraigh na HearadhStar WarsGàidhlig na h-ÈireannRoinn-tìdeThessalonikiUnion List of Artist NamesTimișoara3 an t-IucharDi-LuainBarcelonaFort Lauderdale, FloridaBulgàirisCosta ÌbhriSiorrachd Bhaile na h-ÙigeArainnCorp-eòlas179219631961IslamabadKrakówDasht-e Kavir🡆 More