Tha na Ostfriesische Inseln (Eileanan Frìosach an Ear; Beurla: East Frisian Islands) suidhichte anns a’ Chuan a Tuath.
Tha iad eadar còig agus deich cilemeatair air falbh bho chladach Sagsainn Ìosail. Tha seachd eileanan ann, far a bheil daoine a’ fuireach. Is e Borkum le 32 km² an t-eilean as motha, agus is e Baltrum le 6 km² am fear as lugha. Tha iad agus a' mhuir timcheall orra nam pàirt dhen phàirc-nàiseanta Lower Saxony Wadden Sea National Park.
Tha aiseagan a' ruith chun nan eileanan mòra, chan eil iad ceangailte le drochaid gu tìr-mòr. Ach ma bhios a' mhuir air falbh 's urrainnear a' coiseachd bho thìr-mòr gu Norderney, Baltrum, Langeoog, Spiekeroog is Wangerooge. Ann an cuid as motha de na h-eileanan tha càraichean toirmisgte, ach ann an Borkum agus Norderney. Chan eil càr ach aig na dotairean agus an luchd-smàlaidh. Tha fiù an luchd-sgudail ag obair le carbad-eich.
Tha gnìomhachas turasachd gu math làidir anns na h-eileanan. Gu tradaiseanta bha agus tha muinntir an àite ag obair mar iasgairean.
Chaidh a' chiad taigh-solais le dealain anns a' Ghearmailt a thogail ann am Borkum ann an 1889.
Seo na h-eileanan far a bheil daoine a' fuireach, bhon iar chun an ear:
Tha còig eileanan beaga ann gun daoine:
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ostfriesische Inseln, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.