Is e an t-oilthigh as motha anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Chologne (Universität zu Köln ‘sa Ghearmailtis, University of Cologne ‘sa Bheurla).
Oilthigh Chologne | |
Stèidhichte | 1388 |
Suidheachadh | Köln, a' Ghearmailt |
Oileanaich | 45.606 (2012/13) |
Làrach-lìn | http://www.uni-koeln.de/ |
Tha e suidhichte ann an Köln ann an Nordrhein-Westfalen ann an taobh an Iar na Gearmailt.
Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1388 anns an Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach, anns an dùthaich ris an canar a’ Ghearmailt an-diugh. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd. Ach chaidh a dhùnadh ann an 1798, nuair a ràinig Napoleon a’ Ghearmailt.
Airson bliadhnaichean bha muinntir Köln ag iarradh an oilthigh air ais. Mu dheireadh thall dh’fhosgail an Oilthigh a-rithist ann an 1919 le cuideachadh bho Konrad Adenauer. An-diugh tha Oilthigh Chologne ball den Deutsche Forschungsgemeinschaft, comann den oilthighean Gearmailteach a tha a’ dèanamh rannsachadh. Tha nas motha na 200 cuspairean eadar-dhealaichte ann airson nan oileanach. Tha an t-oilthigh ceangailte cuideachd le 16 oilthighean eile air feadh an t-saoghail.
Oilthigh Chologne | Oilthigh Erfurt | Oilthigh Halle-Wittenberg | Oilthigh Heidelberg | Oilthigh Leipzig | Oilthigh Rostock | Oilthigh Tübingen
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Oilthigh Chologne, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.