Mòr Chaimbeul: Bàrd an 17mh linn

B' e bàrd a bh' ann am Mòr Chaimbeul no Mòr nighean Dhonnchaidh (c1640an - às dèidh 1601).

Mòr Chaimbeul
Beatha
Dùthaich Mòr Chaimbeul: Beatha, Òrain, Iomraidhean Rìoghachd na h-Alba
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bard (en) Translate

Bu ise a rinn an t-òran Griogal Cridhe.

Beatha

B' i Mòr nighean Dhonnchaidh Ruaidh Chaimbeul Ghlinn Lìobhann. B' e Donnchadh Ruadh bràthair athar Chailein Lèith, ceann-cinnidh Chaimbeulaich Ghlinn Urchaidh.

Anns na 1560an, bha strì nimheil eadar na Caimbeulaich agus Clann Ghriogair. Nuair a shocraich cùisean airson greis eadar 1565 agus 1567, phòs Mòr Griogair Ruadh MacGriogair, ceann-cinnidh nan Griogarach. Tha e coltach nach robh a h-athair idir airson gum pòsadh Mòr agus Griogair Ruadh agus thug i iomradh air sin anns an òran 'Rìgh gu Mòr Mo Chuid Mhulaid'.

Cha do mhair an t-sìth fada agus an dèidh mìosan, ghlacadh Griogair le buidheann Chaimbeulach, Cailean Liath nam measg, air 1 Lùnastal, 1569.

Chaidh na phrìosanach a chumail ann an Caisteal Bhealaich, daingneachd Chailein, fad ochd mìosan. mus deach a dhìcheannadh le Cailean Liath e-fhèin air 7 Giblean, 1570.

Air 7 Giblean 1570, Mharbh athair Mhòr a cèile, Griogair.

Bha dithis mhac aig Mòr 's Griogair Ruadh. B' iadsan Iain Dubh a chaochail òg aig Blàr Ghlinn Freòin sa Ghearran, 1603, agus Alasdair Ruadh a chaidh a chrochadh an Dùn Èideann san Fhaoilleach, 1604, mar thoradh air cùl-mhùtaireachd Caimbeulach eile, Gilleasbaig, an seachdamh Iarla Earra-Ghàidheal.

An dèidh 1570, tha e coltach gun do phòs Mòr Raibeart Menzies à Comrie. Thathar a' creidsinn gun robh dithis chloinne eile aca.

Òrain

Seo na h-òrain a thathas a' creidsinn a rinneach le Mòr

  • Griogal Cridhe
  • Rìgh gu Mòr Mo Chuid Mhulaid

Griogal Cridhe

Air sgàth structar an dàin, tha e coltach gun d' fhuair Mòr co-dhiù beagan fhoghlaim ann am bàrdachd.

Tha a cuid bhàrdachd ag innse eachdraidh cuimseach mu na tachartasan anns an strì eadar na Caimbeulaich agus na Griogaraich. Anns an òran, tha Mòr i a' tàladh a mic an dèidh bàis Griogair. Tha an dàn a' dèanamh coimeas eadar an dàrna posadh agus cho toilichte 's a bha a' chiad phòsadh.

Mhair an t-òran ann am beul-aithris thar na linntean. Chaidh an t-òran fhoillseachadh an toiseach ann an 1813 le Pàdraig Mac an Tuairneir à Cinn Tìre anns a' Cho-chruinneacha do dh'Òrain Taghta Ghàidhealach. Chaidh diofar thionndaichean den òran a chlàradh bho sheinneadairean air a' Ghàidhealtachd suas dhan fhicheadamh linn. Chaidh tionndadh a chruinneachadh on Eilean Sgitheanach le Francis Tolmie.

Iomraidhean

Tuilleadh Leughaidh

  • Mac an Tuairneir, P. 1813. Comhchruinneacha do dh'Òrain Taghta,Ghàidhealach (Duneidionn: T. Stiubhard)
  • Dawson, Jane E. A. 1997. Campbell letters 1559–1583 (Edinburgh: Scottish History Society)
  • MacGregor, Martin. 2002. 'The Lament for Griogair Ruadh Macgregor of Glen Strae and its Historical Background', ann an The Polar Twins, deasaichte le Edward J. Cowan agus Douglas Gifford (Edinburgh: John Donald)

Ceanglaichean a-muigh

Tags:

Mòr Chaimbeul BeathaMòr Chaimbeul ÒrainMòr Chaimbeul IomraidheanMòr Chaimbeul Tuilleadh LeughaidhMòr Chaimbeul Ceanglaichean a-muighMòr Chaimbeul

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Atharrachadh na Gnàth-shìdeCalafòrnia1945An EilbheisCuan na h-ÈireannCosobhoDi-LuainCòigeamh Mumhan1431Islamabad12na linn RCA' Bheurla GhalldaLunnainnLeòmhannSacsafòn1994Georgia (stàit)3 an LùnastalFort Lauderdale, FloridaAn Cogadh Mòr21 an t-IucharStar WarsVirtual International Authority FileEl Aaiún2011Canterbury RegionNa h-Eileanan FàroOpra7mh LinnEartra1120Drochaid7 an GibleanUisge-beatha1989MinecraftStaitistearachdBliadhna-leumAiltireachd1995Innd-EòrpaisCSSCòd-puist2024ACTelebhiseanOhioAshgabatAm Manifesto ComannachGini-Bissau1999Dàin do EimhirGànaNeach-poileataigs1447San Jose, CalafòrniaSluagh-phoblachd na SìneSan Antonio, Texas15 an Giblean8 an GibleanAn t-Aonadh EòrpachLa HabanaCòrnaisCruinn-eòlasRudyard KiplingRuisis1237Sudan31 an t-IucharLeabhar-eòlais🡆 More