Murfatlar

'S e baile beag eadar Călărași agus Constanța, ann an ceann a deas Romàinia a th' a ann am Murfatlar (IPA: murfatˈlar) Tha e suidhichte ri taobh a' Canàil Dunăre–Marea Neagră, aig 90m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Constanța.

Murfatlar
Murfatlar
Gearradh-arm
no Seula
Murfatlar
Murfatlar
Suidheachadh
Dùthaich Murfatlar Romàinia
Ceàrn Murfatlar Constanța
Co-chomharran 44° 22 49' Tuath
25° 00 50' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 69.25 km²
Àireamh-shluaigh 10,216 (2011)
Dlùths 147.52/km²
Àireamh fòn +40 241
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha 10,216 duine a' fuireach ann. 'S ann ainmeil 's a tha Murfatlar air feadh an t-saoghail airson an fìona a thathar a' dèanamh an seo. Tha am baile beag Siminoc (seann ainm: Turc-Murfat) fo sgàil Mhurfatlar airson adhbharan rianachdail. 'S ann à ainm fhlùir Helichrysum arenarium (siminoc ann an Romàinis) a tha.

Eachdraidh

'S ann às an fhacal mürvet (Gàidhlig: fialaidh) ann an Turcais s' a tha ainm a' bhaile. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile ag ràdh gur ann à ainm thighearna Turach, air an robh Ali Murfat, 's a tha an t-ainm. Chanadh Mircești anns an meadhan aoisean. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1864. Chanadh Basarabi ris eadar 1924 agus 1965, air sgàth 's gu robh connspaid phoiliteagach ann eadar Libearalaich agus Luchd na Tuatha. Chleachdadh an t-ainm Basarabi a-rithist bho 1980 gu 2007 fo bhuaidh Nicolae Ceauşescu agus Pàrtaidh Comunnach Romàinia, leis go robhar dhen bheachd gu robh Basarabi mòran na bu Romàinianiche na Murfatlar. Bha siostam uamhan air an lorg fon talamh an seo ann an 1957, le tobhtaichean às na meadhan aoisean: a' chiad eaglais na dùthcha agus mannastir Bulgàirianach nam measg. Thathar cuideachd air tobhtaichean thaighean - air an togail ann an 992 - a lorg san sgìre. Thogadh Canàl tron sgìre eadar 1976 agus 1987 eadar an Abhainn Danube agus A' Mhuir Dhubh. B' e prìonsanaich poiliteagach a chleachadh mar luchd-obrach ach chaochail iad nam mìltean tro obair chruaidh.

Àireamh-shluaigh

À rèir Cunntas-shluaigh 2011 tha 8,657 Romàinianaich (89.86%), 547 Tataraich (5.68%), 236 Rroma(2.45%), 134 Turcaich (1.39%), 9 Ungairianaich (0.09%), 3 Aromàinianaich (0.03%), 16 eile (0.17%), agus 32 gun chinneadh aithnichte (0.33%) a' fuireach ann am Murfatlar.

Daoine ainmeil

Iomraidhean

Tags:

Murfatlar EachdraidhMurfatlar Àireamh-shluaighMurfatlar Daoine ainmeilMurfatlar IomraidheanMurfatlarBaileConstanțaConstanța (Siorrachd)CălărașiFlùrFìonIPARomàiniaRomàinisSaoghal

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FraingisSgoilSasainnCathair na BhatacainFilmDenverAn Eadailt14563 an GearranGeorge H. W. Bush1867LilongweTomás Herrera1977Poileataigs1994Tacoma, WashingtonBeurla Reagaird19414 an t-Ògmhios193812na linn RC1856An Dàrna CogadhDigital Object IdentifierSaideal fuadainMosg1991226EanchainnOmaha, NebraskaAn Dùbhlachd2004ÒrAn ÈipheitAmsterdamWikimediaGàidhlig na h-ÈireannAntalopAm Muir CaraibeachGregor Mendel1915601Feallsanachd1945ÀiteachasPoblachd na Cròthaise1 am Faoilleach77819344 an GearranDealan-spèidInnealAmersfoortCòd-puistSeumas VII Alba is II Shasainn1998Eun-creachaidhAmòiniaPearùSpàinntisFiosaigAonadh-ciùirdAn TàinistearGàidhligThessaloniki6515201587AstràiliaLiotuàiniaEilean nan EichFionnlannaisMichael Jackson🡆 More