Mozuku

'S e gnè fheamainn a th' ann am Mozuku(海雲) às an teaghlach Spermatochnaceae.

Mozuku
Mozuku air a bhuain, Okinawa, Iapan.

Ged a tha tuilleadh air naoi diofar gnèithean de Mhozuku, 's iad Cladosiphon okamuranus (Mozuku Okinawa) agus Sphaerotrichia divaricata (Ishimozuku) an dà ghnè as motha a thathas a' cleachdadh ann an Iapan.

Thathar ga h-àiteach, 's ga bhuain ann an Iapan - anns na h-eileanan Okinawa gu h-àraid, ann an ceann a deas Iapain, far a bheilear a' tàrmachadh 90% dhen Mhozuku nas tiugha a chleachdas ann an Iapan gu lèir. Canaidh muinntir Okinawa sunui rithe air sàilleabh 's gu bheilear ga bogadh ann am fìon-geur rìs.

Thathar ga bhuain cuideachd ann an uisgeachan Tonga, agus anns a' mhuir mun timcheall air Tai-Bhàn.

Mozuku
Na h-Eileanan Tonga, far am bithear a' buain Mozuku.

Buaidhean slàinte

Tha na buaidhean sònraichte aig a' bhiadh seo air tighinn am follais bho chionn ghoirid. Tha e air nochdadh gu bheil am fìon-geur anns a bheilear ga bhogadh a' marbhadh bitheagan E.coli agus gu bheil buaidhean aig an fheamainn fhèin a chumas fodha ceallan aillse.

Mozuku 
Mozuku ann am fìon-geur rìs

Lorgar iomadh làrach-lìn ann an Iapanais, a tha a' foillseachadh nam buadhan a tha ri fhaotainn ann am Mozuku. Gheibhear 220mg de Nitrium agus 85mg de Calcium às gach 100g de Mhozuku. 'S e fucoidan am mathachas beathachaidh (nutrient) a tha a' cumail fodha ceallan aillse, agus tha sin am broinn Mozuku.

Mozuku 
Bathar Mozuku

Iomraidhean

Tags:

Feamainn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FònA’ Chòrn8 an GibleanBarium3 an t-IucharSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a Deas65814662005Michael Jackson12 an DùbhlachdCòd-puistCarles Puigdemont i CasamajóNa h-Iomaratan Arabach AonaichteBàrdNa Tìrean ÌsleEl AaiúnRéunion9 an GearranCòcein19 an LùnastalMamalSpruisVilniusDenverAfraga a DeasSuòmaidh1889CleasaicheParis18461351Prahova (Siorrachd)DrochaidFelipe González Márquez1856PlastaigBeàrnaraigh na HearadhNadia MuradAnailis mhatamataigeachBeurla ReagairdAsarbaideànTokyoDùthchannan san Roinn EòrpaAchd na Gàidhlig 2005Ball-coiseEalainEuroStaoinebrigCosobhoIosraelPaul KrugmanTràilleachdLàrach-lìnCànanachasOllamh2008GasBiblioteca Nacional de EspañaTionndadh GnìomhachaisMesopotamiaBall-coise AimearaganachFraingisAiltireachdEartraUsbagastànInnd-EòrpaisGall-GhàidhealaibhCòmhdhailJosé Vicente Concha8 an t-IucharPoileataigsGàidhlig na h-ÈireannCasachstàn🡆 More