Menntaskólinn Í Reykjavík

'S e Acadamh (Gymnasium) fo cheum suidhichte ann an Reykjavík ann an Innis Tìle 's a th' ann an Menntaskólinn í Reykjavík (Gàidhlig: An Acadamaidh ann an Reykjavík, ainm goirid: MR, Laideann: Schola Reykjavicensis/Schola Reykjavicana).

Menntaskólinn í Reykjavík
Menntaskólinn Í Reykjavík
Facal Suaicheantais Faðir andanna
Stèidhichte 1846 (1056)
Suidheachadh Reykjavík, Innis Tìle
Oileanaich 667 (2019-2020)
Làrach-lìn https://mr.is/

'S ann aig MR far am faigh na daoine as beartaiche is as cumhachdaile na dùthcha an cuid foghlam sgoile, iomadh prìomh-mhinistear agus dithis Duais Nobel nam measg.

Eachdraidh

'S e Menntaskólinn í Reykjavík (MR) a' Cholaiste (Gymnasium) as sine ann an Reykjavík, Innis Tìle. Thòisich an sgoil ann an 1056, nuair a chaidh a stèidheachadh ann an Skálholt agus tha i fhathast mar aon de na h-ionadan as sine ann an Innis Tìle. B' ann ann an Hólar 's a tha i bho Hólar bho 1784 gu ruige 1805, nuair a ghluais i gu Reykjavik, ach dh' adhbhraich droch shuidheachadh an stèidheachaidh gluasad ùr gu Bessastaðir, faisg air Reykjavik. Ann an 1846 ghluais e mu dheireadh chun àite far a bheil e an-dràsta ann an Reykjavik fhèin. B' e seo an togalach as motha san dùthaich aig an àm agus chithear e air tiogaidean 500 crùn Innis Tìle. Chaidh a chleachdadh an toiseach nuair a thòisich Alþingi a' coinneachadh a-rithist ann an Reykjavik às deidh beagan bhliadhnaichean agus seo far an do dh' innis ceannard na neo-eisimeileachd Jon Sigurdsson don neach-aithris an abairt ainmeil aige «Vér mótmælum allir».

B' e « Lærði skólinn »(Sgoil Teagaisg),« Latínuskólinn » (Sgoil Laidinn) a bh' air an sgoil roimhe seo, agus leis an ainm Laideann “Reykjavicensis Schola”. Cha d'fhuair i an t-ainm a th' air an-dràsta ach ann an 1937. Bidh an sgoil a' tabhann ceithir bliadhna de chùrsaichean ionnsachaidh agus mar as trice bidh na daoine a' crìochnachadh leis an tiotal Stúdentspróf, a tha a' toirt còir don oileanach ceumnaiche nochdadh air liosta de dh'oilthighean na dùthcha.

MR an aghaidh VÍ

Aon latha san Dàmhair gach bliadhna, bidh oileanaich MR agus an sgoil cho-fharpaiseach aca Verzló (Sgoil Mhalairt Innise Tìle) a' coinneachadh fo làmhan a chèile anns a' phàirc “Hljómskálagarður”, air iomall Reykjavik, far am bi iad a' dèanamh diofar gheamannan agus ghnìomhachd farpais. Tha iad sin a' toirt a-steach: rèisidh astair, ball-coise, iomradh, iomradh tàileisg mòire (an uairsin tàileasg traidiseanta), sgreuchail, cluich ròpa, farpaisean ithe, lìonadh chàraichean le iomadh daoine, agus rud air a bheil Corrida Mexicana. 'S e gu bheil co-spàirn mhòr ann eadar an dà sgoil air sgàth 's gu bheil Menntaskólinn í Reykjavík a' dèanamh fòcas air cuspairean gu math acadaimigeach agus a cuid oileanaich airson a dhol dhan oilthigh, fhad 's a tha cùrsaichean Verzló rud beag nas pragtaigiche. Tha diofar nan clasaichean sòisealta an lùib cuideachd.

Seann Oileanaich

Àiteachan

Tha an sgoil air a bhith ag obair ann an ceithir àiteachan air feadh na dùthcha fad mìle bliadhna:

Ceannardan na Sgoile bho 1846

  • 1846–1851: Sveinbjörn Egilsson
  • 1851–1869: Bjarni Jónsson
  • 1869–1872: Jens Sigurðsson
  • 1872–1895: Jón Þorkelsson
  • 1895–1904: Björn M. Ólsen
  • 1904–1913: Steingrímur Thorsteinsson
  • 1913–1928: Geir Zoëga
  • 1928–1929: Þorleifur H. Bjarnason
  • 1929–1956: Pálmi Hannesson
  • 1956–1965: Kristinn Ármannsson
  • 1965–1970: Einar Magnússon
  • 1970–1995: Guðni Guðmundsson
  • 1995–2001: Ragnheiður Torfadóttir
  • 2001–2012: Yngvi Pétursson
  • 2012–2013: Linda Rós Michaelsdóttir
  • 2013–2017: Yngvi Pétursson
  • 2017– : Elísabet Siemsen

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh

Tags:

Menntaskólinn Í Reykjavík EachdraidhMenntaskólinn Í Reykjavík MR an aghaidh VÍMenntaskólinn Í Reykjavík Seann OileanaichMenntaskólinn Í Reykjavík ÀiteachanMenntaskólinn Í Reykjavík Ceannardan na Sgoile bho 1846Menntaskólinn Í Reykjavík IomraidheanMenntaskólinn Í Reykjavík Ceanglaichean a-muighMenntaskólinn Í ReykjavíkAcadamhAinmDùthaichGàidhligInnis TìleLaideannPrìomh-mhinistear Innise TìleReykjavík

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

780MatamataigAinmean1912PrìosanInnis TìleÈirinn (eilean)SudanEunAlbertaAlexei NavalnyNeach-poileataigsDigital Object IdentifierDùn ÈideannBreatainn MhòrRìoghachd eSwatiniWiki Commons7mh LinnAn AetiòpHermann HesseFèineag133514 an LùnastalDonostiaUilleam Uallas1934RonaldinhoLon dubhPoblachd na h-ÈireannCeòlBun-reachdEl SalbhadorGàidhligIain Eairdsidh MacAsgaillPagastànPoileataigs1838John Howard NorthropTaylor SwiftFionnlannaisJersey Nuadh1956EaconomaidhAn Crios-GrèineGiùlanAstràiliaAiltireachdLiosta dhaoine à AlbaAfraga12 an GibleanZenanaÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte19 an GearranRìgh Juan Carlos I na Spàinne1504CoimpiutairImmanuel KantMadadh-cuainProbhaistAràibia nan SabhdTutankhamunGealachNa h-AimearaganIasgachTaigh na h-Uiseig🡆 More