Meg Bateman

Tha Vivienne Mairead 'Meg' Bateman (13 an Giblean 1959) na bana-bhàrd is neach-acadaimigeach.

Meg Bateman
Meg Bateman
Beatha
Breith Dùn Èideann, 13 dhen Ghiblean 1959
Dùthaich Meg Bateman Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair agus sgrìobhadair
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Chill Rìmhinn
Gnè ealain bàrdachd

Rugadh Bateman ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain is chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obar Dheathain. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, mar eisimpleir Other Tongues (1990) agus Twenty of the Best (1990). Tha i air eadar-theangachadh bàrdachd Gàidhlig ann am Beurla ann an Anthology of Scottish Women Poets (1991) agus Creachadh na Clàrsaiche (1993). Chaidh a' chiad chruinneachadh le tionndaidhean Beurla aice fhoillseachadh ann an 1997, Aotramachd is dàin eile, a' dèiligeadh ri breòiteachd a' ghaoil is dhàimhean daonna. Tha i ag obair mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus mar phrìomh òraidiche urramach aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Bhuilich Oilthigh na Gàidhealtachd an tiotal “proifeasair” oirre ann an 2015.

Bàrdachd

  • 1990. Orain Ghaoil
  • 1997. Aotromachd agus Dàin Eile
  • 2007. Soirbheas
  • 2013. Transparencies

Sgeulachdan Goirid

  • 2011. Chanadh Gun Do Chuir i Às Dha ann an SAORSA: sgeulachdan goirid Ùr-Sgeul Inbhir Nis: CLÀR, Ùr-Sgeul, 2011, dd.141-144.

Artaigilean Sgoilearach ann am Beurla

  • Bateman, Meg 'The Bard and the Birlinn' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.74-84.

Leabhar ann am Beurla

Meg Bateman and John Purser, ‘Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd’, 2020, (pdf, 960td, 206MB)

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Tags:

Meg Bateman BàrdachdMeg Bateman Sgeulachdan GoiridMeg Bateman Artaigilean Sgoilearach ann am BeurlaMeg Bateman Leabhar ann am BeurlaMeg Bateman Ceanglaichean a-machMeg Bateman IomraidheanMeg Bateman13 an Giblean1959

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

PetrópolisUicipeidÈirinn (eilean)LaphroaigGàidhlig na h-ÈireannDùn Dèagh17 an GibleanFriedrich EngelsÙrnaigh an TighearnaBith-eòlasLiosta dhaoine às a' ChuimrighWashington, D.C.Eanraig Caimbeul-MacGille-na-BrataichSulawesiDorasCleasaicheUilleam III Shasainn is II AlbaDonetsk (Donetska Oblast)1492Na h-Eileanan FilipineachSeoulBenito MussoliniAn Talamh (planaid)Gavin DouglasCeòlRafael UrdanetaRaibeart I na h-AlbaNoam Chomsky150anBorneoGeorg Wilhelm Friedrich Hegel182013Uile-losgadhBeurlaCo-nasgadh nam MuiscaRiaghaltasToruńCnòBjornstjerne Martinus BjornsonJohann Wolfgang von GoetheW88Alan TuringMartin HeideggerPierre CurieTurasachdLuís Vaz de CamõesLeonardo Da VinciNileUilleam Dhòmhnaill 'ic ChoinnichLaideannEadar-theangachadhLouis PasteurDà-chànanasBarbadosAn t-Eilean SgitheanachAn Ear-thuath a DeasFàrothaisOSealtainnLSeelbach (Schutter)ArabaisSgioba Nàiseanta Ball-coise nam Ban AlbannachAildiriaSiorrachd PheairtNetherlands Institute for Art HistoryInneal1656Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasImleagGealach🡆 More