Meanbh-Fhrìde

'S e beathach anns a' chlas Insecta anns an fho-fhine Hexapoda anns an fhine Arthropoda a tha ann am meanbh-fhrìde, mar eisimpleir seilleanan, dealain-dhè, seanganan, daolagan, tairbh-nathrach is deargannan.

Meanbh-Fhrìde
Meanbh-fhrìdean

'S e neo-dhruim-altachan a tha ann, le cnàimhneach a-muigh agus corp ann an trì roinnean, stiùirichean, sùilean fillte, agus mar as àbhaist, tha sia casan is dà phaidhir sgiathan aig meanbh-fhrìdean.

Buaidh

Tha meanbh-fhrìdean a' toirt seirbheisean eag-eòlach, mar eisimpleir poileanachadh agus mar phàirtean cudromach ann an sreath-bìdh. Tha iad a' toirt taic ri, mar eisimpleir, gnìomhachas sùibh-chraoibh, as fhiach do dh'eaconomaidh na h-Alba barrachd air £52 millean a h-uile bliadhna.

Seòrsaichean a tha glèidhte ann an Alba

A-rèir Achd nam Fiadh-bheathach agus na Dùthcha 1981 tha na meanbh-fhrìdean a leanas glèidhte, is a h-uile fear san òrdugh Lepidoptera, na dealain-dhè is na leòmannan:

  • Argas-donn tuathach (Aricia artaxerxes)
  • Bùrnaid an New Forest (Zygaena viciae)
  • Dealan-dè nam boglaichean (Euphydryas aurinia)
  • Dealan-dè nan oirean neamhnaideach (Boloria euphrosyne)
  • Dealbhan mòr an fhraoich (Coenonympha tullia)
  • Fàinneag a' mhonaidh (Erebia epiphron)
  • Gorman beag (Cupido minimus)
  • Leumadair breac-bhallach (Carterocephalus palaemon)

Iomraidhean

Tags:

Dealan-dèSeanganSeillean

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Deòrsa II, Rìgh Bhreatainn is ÈireannTromb-beòil1958Obar DheathainUppsala30 an t-IucharBuidheann cinneachailCoirèa a TuathSlighe Costa na CuimrighMarie AntoinetteIosraelMeatailt alcalaidhLeòmhann6mh linn RCSomme (département)KasabianÀrainneachdRaspberry PiCristoforo Colombo20 an GibleanLaideannNoemiKemperUicipeid1010anPoblachd Meadhan AfragaBert WeedonComhairle Siorrachd Lannraig a TuathCarles Puigdemont i CasamajóMìosachanGàidhligJouleMohammedCoirèa a DeasSeumas VII Alba is II ShasainnJColaiste SwarthmoreEasbaigDiobùtaidhBrabhsair-lìnTaylor SwiftCaol17 an t-IucharSèimheachadh1600320Co-fhlaitheas na Pòlainn - LiotuàiniaInnleadaireachdJames KellyNicolaus CopernicusSìonaisMalairtAn Innd-Innse2003MatamataigSileadh1165QuébecMoldàibhiaEaglaisBrùnaighSan MarinoLiosta nam beann ann am Barraigh11 am Màrt1998Na h-Eileanan CròlainneachCeimigeachd2007164922 an GibleanVirginiaÀrd-thìrBàta-tumaidh10 an DàmhairCairistìona NicFhearghais🡆 More