Martyn Bennett

B' e Martyn Bennett fear-ciùil ùr-ghnothach a mheasgaich ceòl Albannach traidiseanta agus modhannan as ùire.

'S e bh' ann ach fear de na luchd-ciùil Albannach as cudromaiche ri a linn-sa. Rugadh e air an 17mh an Gearran 1971, ann am Baile Naoimh Eòin, An Talamh Ùr, Canada. B' e mac an t-seinneadair Gàidhlig is eòlaiche ainmeil, Mairead Bennett, às an Eilean Sgitheanach. An uair a bha e 6 bliadhna de dh'aois, thàinig iad ri Ceann a' Ghiùthsaich, Alba, far an deach a thogail a-measg beartas de dhualchas na h-Alba, an dà chuid Gaidhealach is Gallta, a thug buaidh mhòr air a cheòl. Rinn e ceòl clasaigeach aig an RSAMD ann an Glaschu, far an do choinnich e ris a bhean, Kirsten, a' ceumnachadh ann an 1994.

Martyn Bennett
Beatha
Breith Baile Naoimh Eòin, an Talamh Ùr, 17 dhen Ghearran 1971
Dùthaich Martyn Bennett Canada
Bàs Dùn Èideann, 30 dhen Fhaoilleach 2005
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Foghlam
Foghlam Conservatoire Rìoghail na h-Alba
Broughton High School (en) Translate
City of Edinburgh Music School (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-ciùil
Gnè ealain fusion Ceilteach
Inneal-ciùil a' phìob
Taigh-clàraidh Real World Records (en) Translate
IMDb nm1745947
martynbennett.com

Ged a rinn e ceòl clasaigeach mar cheum, thill e gu ceòl Albannach, a' cluich na fìdhle is na pìoba mòire agus thòisich e ag aonachadh seo le ceòl dannsa de leithid eile (air a bheil Rave no House). Thàinig a chiad chlàr, air ainmeachadh leis fhèin, a-mach ann an 1996. Bha seo an deagh àm, an uair a bha Runrig agus Capercallie a' fàs sgìth is sean. Ach 's e an dàrna clàr aige Bothy Culture a bha na chlach-mhìle ann an ceòl "tradaiseanta" Albannach. A' tarraing air iomadach dhòighean is chultaran, 's e Hallaig le Somhairle MacGill-Eain a' leughadh a chuid bhàrdachd fhèin a th' anns an òran as mìorbhailiche, ach tha e doirbh port lag a lorg air a' chlàr.

B' e Hardland an treasa clàr aige.

Dh'imrich e gu Muile ann an 1999 agus chùm e air ag aonachadh nan diofar dhòighean ri chèile gu ann Glen Lyon agus le Grit a thàinig a-mach ann an 2003. Chaochail Martyn Bennett ann an Dùn Èideann air an 30mh latha den Fhaoilleach 2005 as deidh tinneas fada le aillse. Dh'fhàg e a bhean chòir, Kirsten agus a mhàthair, Mairead.


Tags:

17 an Gearran1971AlbaAn Talamh ÙrAn t-Eilean SgitheanachBaile Naoimh Eòin, an Talamh ÙrCanadaCeann a' GhiùthsaichCeòlConservatoire Rìoghail na h-AlbaGlaschuGàidhligMairead Bennett

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ioràc13518 an GibleanSuòmaidhIosraelDuitsisLilongweClàirneidBertrand RussellRuisisSpruis546 RC20041 am FaoilleachSlàinte1447Aonadh-ciùirdAn Ròimh31 an t-IucharGàidhlig na h-ÈireannStuttgartVenezia1994Würzburg620an193216 an t-IucharBuain na mònaGiniLunnainn9 an Gearran27 an GearranMeanbh-fhrìdeCultar mòr-thaitneach2 SamuelFirefoxGini-Bissau1904Edwin Morgan1937226Georgia (stàit)Sgoil540an RCEalainTionndadh GnìomhachaisEartraSudanLisbonA' Ghrèig ÀrsaidhA' GhearmailtIasgachKhabarovskRuith-airgid1970an21 an DùbhlachdCoparIaguar1553Dumha ÉigeCuan na h-ÈireannNa h-Iomaratan Arabach AonaichteFoghlamÙisdean MacDhiarmaidAngola193420247mh LinnSan Antonio, TexasBanca ShasainnBànrigh Ealasaid II1520Amòinia🡆 More