Màiri Mairead Nic Gill-Eathain

'S e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann am Màiri Mairead Nic Gill-Eathain (1921–?).

Choisinn i Crùn na Bàrdachd ann an 1951.

Màiri Mairead Nic Gill-Eathain
Beatha
Breith Cnoc Cuidhein, 1921
Dùthaich Màiri Mairead Nic Gill-Eathain Alba
Ciad chànan Beurla
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd

Chithear a h-ainm gu tric mar Màiri M. Nic Gill-Eathain neo Màiri M. NicIlleathain. B' aithnichear cuideachd i mar Màiri Dhubh agus Màiri na Buaileadh. (Beurla: Mary M. MacLean).

Beatha

Rugadh i ann an Cnoc Cuidhein, Uibhist a Tuath agus an uair sin, ghluais an teaghlach dhan Rubha Buidhe, Griomasaigh nuair a bha i òg. Chaidh a togail ann agus dh'fhuirich i ann a' chuid mhòr dhe a beatha. Bha gealladh-pòsaidh eadar Màiri agus am bàrd Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill ach dhealaich iad mus do phòs iad. Cha do phòs Nic Gill-Eathain riamh.

Obair

B' ann an 1947 a nochd a' chiad leabhar aice, Sunbeams and Starlight, anns an robh bàrdachd Ghàidhlig agus Bheurla. An uair sin, aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Èideann ann an 1951, choisinn i Crùn na Bàrdachd leis an dàin Do Bheinn Eubhal.

Sgrìobh i rosg cuideachd. Ann an 1970, b' e cruinneachadh de a cuid sgeulachdan goirid an dàrna foillseachadh Gàidhlig a chuir Club Leabhar an clò. Nochd an nobhail aice, Gainmheach an Fhasaich, an ath bhliadhna ann an 1971.

Sgrìobh i gu tric ann am pàipear-naidheachd ionadail The Clarion agus chithear torr dhen sgrìobhadh sin air làrach-lìon Am Baile.

Clàr-leabhraichean

Sgeulachdan goirid

  • Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1970) Lus Chrùn á Griomasaidh (Inbhirnis: Club Leabhar) SBN 902706020
    • 20 sgeulachd goirid
    • Chaidh an leabhar a dheasachadh le Donnchadh MacGuaire.
    • Tha an leabhar coisrigte do 'Màthair, Seònaidh, na nabaidhean agus na càirdean eile ann an Griomasaidh.'

Nobhail

  • Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1971) Gainmheach an Fhàsaich (Inbhir Nis: Club Leabhar) SBN 902706055
    • Chaidh an leabhar a dheasachadh le Donnchadh MacGuaire.
    • Tha an leabhar coisrigte do a caraid 'Daphne, aig Cillmarnuig'.

Dàin

  • Do Bheinn Eubhal
    • 1953. Bàird a' Chomuinn, deas. le Lachlan MacFhionghuin (An Comunn Gàidhealach)
    • 2000. An Tuil (ann an dreach as ùr)

Aistean

Nic Gill-Eathain, M. M. (1951-52) 'Spiorad a Mhac-meanmna', Transactions of the Gaelic Society of Inverness 41: 1-4.

Tuilleadh leughaidh

  • Neat, Timothy (1999): The Voice of the Bard. Edinburgh: Canongate, td. 34–63 is 58. 

Iomraidhean

Tags:

Màiri Mairead Nic Gill-Eathain BeathaMàiri Mairead Nic Gill-Eathain ObairMàiri Mairead Nic Gill-Eathain Clàr-leabhraicheanMàiri Mairead Nic Gill-Eathain Tuilleadh leughaidhMàiri Mairead Nic Gill-Eathain IomraidheanMàiri Mairead Nic Gill-EathainCrùn na Bàrdachd

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Linne Foirthe14 an LùnastalBurundaidhVáclav HavelCailein T. MacCoinnich1838Ruaraidh MacFhionghainTorontoEòlas-comainnHermann HesseRoinnean na SpàinneInnis TìleCogaidhean na CroiseWiccaNìgeiria633Yvelines7mh LinnAO1937ArgonGealach24 an Giblean19 an Dùbhlachd1470anMississippi (abhainn)1504PopayánEunMadadh-cuainVirginiaAimearaga a TuathFiadhPrìosanHionduthachdCànanachasAlexei NavalnyAn Cogadh MòrKarachiRìoghachd eSwatiniCoireaMarie AntoinetteAlasdair UaibhreachBaile Átha CliathEun-creachaidhEuroPrìomh-Dhuilleag1616Erwin SchrödingerGàidhlig na h-ÈireannJosé Vicente ConchaJames K. PolkWiki CommonsBogotáCastelló (roinn)Suainis2 an GearranUisgeFionnlannaisSlàinteLon dubhRuisisGiùlanOntarioAn t-Àrd RuighRotterdam🡆 More