Lus-An-Eallain

Geranium robertianum

Lus-an-eallain
Lus-An-Eallain
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Fìleam Magnoliophyta
Clas Magnoliopsida
Òrdugh Geraniales
Teaghlach Geraniaceae
Gèineas Geranium
Spèiseas G. robertianum
Briathran Gàidhlig eile
Lus-an-ròis
Righeal cùil
Righeal rìgh
Luibh-na-maclan (Colonsaidh)

'S e seo lus a tha gu math cumanta air feadh na h-Alba, agus an t-saoghail gu lèir. 'S iad lus-an-ròis, righeal cùil, agus righeal rìgh ainmean eile a th' air.

Buadhan leigheasach

Lus-An-Eallain 

Bha suim mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd gu h-àraid dha bhuadhan leigheasach an luis seo agus a' chreachlaich-dearga. (Geranium sanguineum)

Bhathar ga mhion-sgrùdadh agus ga ghoil ann an uisge fad uair a thìde, ach am faigheadh leigheas a chum leasachadh aillse, caochladh chneadhan agus galaran chraicinn. Bheireadh dà unnsa dhen luis pinnt mhasgaidh agus bhite a' rèiteachadh an tomhais a-rèir aois an euslaintich.

Bhathar a' creidsinn gur e leigheas làidir a bh' ann airson aillse chraicinn agus fiù 's anns na 1920an, bha duine anns an Dabhach Dhearg no (Dabhach na Creige), Siorrachd Inbhir Nis, a' cumail a-mach gun deach aige fhèin air corra dhaoine a leigheas leis.

Tha fàileadh garg duilleagan bhrùthte an luis na bhacadh do mheanbh-fhrìde tighinn dlùth.

Tùsan Fiosrachaidh

  • Flora Celtica [1]Teamplaid:Fix/category[dead link]
  • Stèidheachaidhean sgrìobhaidh Bòrd Stàite nan Gartlann chronail (Beurla)[2]

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Spioradalachd415PtolomaidhAn GibleanJames KellyMàiliAn t-Urramach Jack MacArtairBolognaJohn F. KennedyMianmarReul-chuairt20 an GibleanLibèiriaMatamataigMangaineisMiotas-eòlasA' PhloicNa h-Ailpeannan3201213Comhairle Siorrachd Lannraig a TuathÅlandGuadeloupe1710anBachrainCànanDèigh1931844Banca ShasainnFilmComunn na GàidhligCopan MoireDeòrsa I Bhreatainn is Èireann2012TansainiaDathGasPàipear-èibhinnReul-eòlasCristoforo ColomboBellshillNa h-Iomaratan Arabach AonaichteReidiusSèimheachadhGnàth-shìdeNirribhidhUicipeidSàimi19 an t-ÒgmhiosSaideal (reul-eòlas)AfraganaisNassauAimearaga a DeasA' Bhreatainn BheagTionndadh Gnìomhachais26 an DàmhairComhairle Dhùn Phris is Ghall-GhàidhealaibhMusine KokalariTUCTorc fiadhaichAn Innd-InnseAibidil Cirileach1724Beurla Ghallda an Ear-thuath a DeasNollaigSofiaCubhaitLeòmhannNa h-Eileanan Samhraidh1915Loch ErieAiltireachdNìgeiria🡆 More