‘S e seinneadair, sgrìobhadair, ceòladair agus sgrìobhadair ciùil à Catalòinia a th' ann an Lluís Llach i Grande (IPA: ʎuˈiz ˈʎak, Girona, 7 an Cèitean 1948).
Bha e na bhall a’ chòmhlain-chiùil Els Setze Jutges (Sia Britheamhan Deug) agus thathar dhen bheachd gur e fear-leasachaidh an Nova Cançó (Òran Ùr) a th' ann. Mar cheòladair poileataigeach, tha e air a bhith an sàs ann an saoghail a’ chiùil agus anns na h-iomairtean phoileateagach fad trì ginealach co-dhiù.
Lluís Llach i Grande | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
26 dhen Dàmhair 2015 - 28 dhen Dàmhair 2017 Sgìre: Girona (en) Taghadh: 2015 Catalan regional election (en)
8 dhen Mhàrt 2016 - 19 dhen Iuchar 2016 ← Muriel Casals i Couturier - no value →
24 dhen Dàmhair 2018 - 1 dhen Lùnastal 2019 | |||||||
Beatha | |||||||
Ainm slàn | Lluís Llach i Grande | ||||||
Breith | Girona, 7 dhen Chèitean 1948 | ||||||
Dùthaich | Na Dùthchannan Catalanach | ||||||
Àite-fuirich | Parlavà (en) Porrera (en) | ||||||
Ciad chànan | Spàinntis Catalanais | ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Catalanais Fraingis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | seinneadair is sgrìobhaiche, sgrìobhadair, neach-poileataigs, saothraiche chlàran, neach-iomairt poileataigeach agus recording artist (en) | ||||||
Com-pàirtiche
| |||||||
Àitichean-obrach | Barcelona | ||||||
Duaisean a fhuaras | liosta
| ||||||
Ainmeachadh airson duaisean | liosta
| ||||||
Ballrachd | Advisory Council for the promotion of a Civic and Social Forum for the Constituent Debate (en) Council for the Republic (en) Els Setze Jutges (en) Consell de Govern (Consell per la República) (en) | ||||||
Gnè ealain | protest song (en) | ||||||
Inneal-ciùil | piàno giotàr | ||||||
IMDb | nm0515617 | ||||||
lluisllach.cat |
‘S e mac Josep María Llach, lighiche agus tuathanach, agus María Grande, tìdsear a th' ann. Rugadh e ann an Girona ach thogadh e ann am Verges, baile beag eadar Barcelona agus Figueres. Dh’ionnsaich e fhèin agus a Bhràthair Josep María ris a’ ghiotàr a chluiche, nuair bha an dithis aca gu math òg. Tha piàna san taigh cuideachd. Fhuair e beachdan an làimhe chlì on ghlùin.
Fhuair e droch làimhseachaidh bhon dheachdaire Franco, agus b’fheudar dha a theiche thall thairis gu Paris anns na 70an. ‘S e a' chiad seinneadair ain-opàra a ghabh òrain san Taigh-cluiche Gran Teatre del Liceu a bh’ann Llach, is e a’ seinn Somniem (Nar cadal), san Shultain 1979. Bha 103,000 duine an làthair aig consart a rinn e sa phàirc Ball-coise Nou Camp, am Barcelona, air an siathamh latha dhen Iuchar 1985, an cuirm-chiùil na bu mhotha a bha a-riamh san Roinn-Eòrpa.
Chlàraich Llach 33 clàran eadar 1969 agus 2007. Chleachdadh an t-òran na b' ainmeile agus na bu chonnspaidiche a rinn e a-riamh, L'estaca (An Cabar, 1968), leis an Aonadh-ciùird Solidarność (air a stèidheachadh le Lech Wałęsa) agus an sgioba rugbaidh Unió Esportiva Arlequins de Perpinyà. A thuilleadh air sin, ‘s e òran ar-a-mach ann an Tuinisia sa bhliadhna 2011 a bh' ann cuideachd.
Ann an 2011 chuir e an Stòras Lluís Llach air dòigh, thall ann an Seanagal. Bha an leabhar a sgrìobh e ann an 2012 Memòria d'uns ulls pintats (Cuimhne nan sùilean dathte) uabhasach soirbheachail. A bharrachd sin, bha e an sàs ann an stèidheachadh Assemblea Nacional Catalana (Co-chruinneachadh Nàiseanta Chatalòinia).
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Lluís Llach i Grande, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.