Lisa Storey

'S e tidsear, sgrìobhadair, foillsichear agus neach-iomairt a th' ann an Lisa Storey (1935–)

Lisa Storey
Beatha
Breith Bhatarsaigh, 1935
Dùthaich Lisa Storey Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-teagaisg, sgrìobhadair agus obraiche-raoine
Fastaichean Sgoil Eòlais na h-Alba

Rugadh agus thogadh i ann am Bhatarsaigh leis an sloinneadh Lisy Dhonnchaidh Mhòir.

Rinn i iomadh seòrsa obair ann an saoghal na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean, eadar foillseachadh, teagasg agus strì airson còraichean luchd na Gàidhlig. Chruinnich i beul-aithris ann am Bhatarsaigh às leth Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha i ag obair na tidsear ann an Sgoil a' Mheadhain (Central Primary School) ann an Inbhir Nis nuair a thòisich foghlum tro mheadhan na Gàidhlig ann an 1985.

gaidhlig.tv

Tron iomairt gaidhlig.tv, còmhla ri feadhainn leithid Aonghas Dubh MacNeacail, Robbie MacLeòid, Ishi NicIlleathain agus Aonghas Pàdraig Caimbeul, rinn i strì airson barrachd Gàidhlig ann am meadhanan Gàidhlig an latha an-diugh. Ann an 2016, thuirt i ann an litir gu Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagain "Gabhaidh Gàidhlig a thoirt air adhart air BBC Alba, agus toisichidh sinn le fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air falbh, agus fo-thiotalan Beurla, ma dh'fheumas iad a bhith ann, a bhith falaichte. ’S e fo-thiotalan falaichte a tha an rannsachadh as fheàrr a’ moladh. ’S e sin a tha ceart do na Gàidheil cuideachd."

CLÀR agus foillsichearan eile

Eadar 1996-2021, bha Lisa Storey a' stiùireadh CLÀR: dh'fhoillsich an companaidh faisg air 80 leabhar (agus 60 boireannach) nuair a bha i ann. Tha Lisa a-nis air falbh bho Chlàr, ach tha i fhathast an-sàs ann an Clò Phabaigh agus Leabhraichean Beaga.


Foillseachaidhean

Leabhraichean do dh'inbhich

Leabhraichean cloinne

      • Taghadh de sgeulachdan o bheul-aithris air an cruinneachadh agus an deasachadh le Lisa Storey.
  • 1997. Am Peata Bàn. deas. le Catrìona Mhoireach & Lisa Storey (Inbhir Nis: Clàr) ISBN 1 900901 02 1
  • 1983. Beagan Spòrs. deas. le Gwen Mulholland agus Lisa Storey (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 02 X
      • Leabhar làn gheamannan mar tòimhseachain-tarsainn, ioma-shlighean, ceistean, lìon na beàrnan agus anagram
      • Sgeulachd
  • 2000. An Iteileag aig Calum agus Mòrag. (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 31 3
      • Sgeulachd
  • 2002. Calum agus Mòrag air chuairt sa Choille (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 32 1
      • Sgeulachd

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh


Tags:

Lisa Storey gaidhlig.tvLisa Storey CLÀR agus foillsichearan eileLisa Storey FoillseachaidheanLisa Storey IomraidheanLisa Storey Ceanglaichean a-muighLisa Storey1935

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

EalainBourgogneKofi AnnanEanraig Caimbeul-MacGille-na-BrataichEadar-theangachadhMarie AntoinetteJakartaOgsaideanSgioba Nàiseanta Ball-coise nam Ban AlbannachJohann Wolfgang von GoetheRafael UrdanetaSgoil Eòlais na h-AlbaCanidaeA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a Deas650Albert Einstein741Yuri GagarinVladimir Putin1656An EadailtAnton ChekhovImleag1381An Garradh Thlachdan TalmhaidhJarosław DąbrowskiPoblachdSluagh-Phoblachd na SìneSiorrachd PheairtCarbon dà-ogsaidCill FhinneinFiodhImpireachd nan Otomanach2006Pàrtaidh Nàiseanta na h-AlbaLitreachasCaol-an-dùirnCànan prògramaidhAonghasRèidio dà LochaJaume Aymar i RagoltaMumbaiAinmearAcadamh Rìoghail Shuaineach nan SaidheansanCànan nam MāoriPoblachd na SìneNils HolmerAn DanmhairgSìonais1794Beart-chlòBerdiansk89SealtainnFang (eun)MosgoGlaschuBerlin25 am Faoilleach1912LaphroaigCarles Puigdemont i CasamajóBùthUile-losgadhBuirciona FasoRaibeart BurnsSBall-coise2013Washington, D.C.Georg Wilhelm Friedrich Hegel🡆 More