’S e eun a th’ anns an tarmachan, Laideann: Lagopus muta.
Tarmachan Lagopus muta | |
Tarmachan | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Galliformes |
Teaghlach | Tetraonidae |
Gèineas | Lagopus |
Spèiseas | L. muta |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Lagopus muta | |
Ainmean eile | |
Logopus mutus | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Cearc nam Beann |
Mar a tha fhar-ainm cearc nam beann ag innse, tha e cumanta air monaidhean na h-Albann.
Tha an tarmachan dàimheach don chirc-fhraoich, Lagopus lagopus scotica, agus gu tric lorgar an dà ghnè eòin air an aon bheinn, a’ chearc-fhraoich gu h-ìosal agus an tarmachan gu h-àrd. Ach tha diofar mòr eatarra: bidh an tarmachan a’ dol bàn anns a' gheamhradh, leasachadh a chumas am falach san t-sneachd e. As t-samhradh tha e cuideachd fìor dhoirbh fhaicinn am measg nan creag, ma shuidheas e gu sàmhach.
Tha an t-ainm aige stèidhichte air a ghairm: tarm no torm. Chaidh e a-null bhon Ghàidhlig don Bheurla mar “ptarmigan”, le ‘p’ neo-fhuaimnichte neo-eachdraidheil a’ dèanamh aithris air an t-Seann-Ghreugais πτέρυξ, sgiath. Tha cuid de bheanntan air an ainmeachadh air a shon, leithid Sgòrr an Tarmachain agus Meall nan Tarmachan.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Tarmachan, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.