Gearradh-arm

Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia

(Air ath-sheòladh o Lùireach na dùthcha)

Is e Gearradh-arm samhladh oifigeil na dùthcha, a' bhaile, an duine no na buidhne.

Gearradh-arm Cheann nan Sìth-mhaor

'S e dealbh a tha ann an gearradh-arm is tha earraidean a' cleachdadh blazon, cànan foirmeil, airson gearraidhean-arm a mhìneachadh. Tha cuid de dh'fhaclan Fraingis ann, mar eisimpleir or ('òr'), argent ('airgead'), gules ('dearg') agus vert ('uaine').[1]

Alba

Ann an Alba tha Cùirt Cheann nan Sìth-mhaor a' riaghlaich gearraidhean-arm. 'S e pàirt de shiostam laghail na h-Alba a tha ann, agus mar sin tha Procadair a' Chrùin aig a' chùirt. Tha peantair oifigeil cuideachd.[2]

Iomraidhean

  1. Durie, Bruce: “Blazoning a coat of arms”. Cùirt Cheann nan Sìth-mhaor. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2022.
  2. About us”. Cùirt Cheann nan Sìth-mhaor. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2022.

#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (Study in China) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.
This article uses material from the Wikipedia article Lùireach na dùthcha, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.