Kremenchuk

'S e baile meadhanach eadar Poltava agus Oleksandriya san Ucràin a th' ann an Kremenchuk (Ucràinis: Кременчу́к, Pòlais: Krzemieńczuk, Romàinis: Kremenciug, IPA: kremenˈtʃuk).

Kremenchuk
Кременчу́к
Kremenchuk Kremenchuk
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Kremenchuk
Kremenchuk
Suidheachadh
Dùthaich Kremenchuk An Ucràin
Ceàrn Kremenchuk Poltavska Oblast
Co-chomharran 49° 03 47' Tuath
33° 24 14' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 96 km²
Àireamh-shluaigh 219,022 (2021)
Dlùths 2,281.48/km²
Àireamh fòn + 380 5366
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro, san roinn Poltavska Oblast. Tha 219,022 duine a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd

'S ann às an fhacal кремінь (Gàidhlig: ailbhinn) ann an Ucràinis 's a th an t-ainm. A dh' aindeoin sin, tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur ann à küçük kale (Gàidhlig: daingneach beag) ann an Turcais's a th' a e.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1571 mar dhaingneach. B' ann ann an Kremenchuk a chuireadh ainmean gu Cùmhnant Kurukove (Ucràinis: Куруківський Договір), eadar na Cosagaich agus A' Phòlainn, ann an 1625. Thogadh loidhne-rèile eadar Kriukiv agus Kremenchuk ann an 1869. Bha Kremenchuk fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943 agus 90% toglaichean a' bhaile. Ann an 1991, thàinig Kremenchuk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Chaidh am baile a bhomadh iomadh turas ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022. B' ann mòr an call sa bhaile air sgàth na rinn iad seo ann an ionnsaidh fhuilteach air ionad bhùthan air 27 an t-Ògmhios 2022.

Eòlas-sluaigh

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kremenchuk a' bruidhinn (75.48%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (23.94%). Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kremenchuk tron 20mh Linn, cha b' ann ach anns na 1970an a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh. A dh'aindeoin sin, thuit an uiread dhaoine a bha nan tàmh ann an Kremenchuk an dèidh A' Cogaidh Mhòir, An Dàrna Cogadh agus fad na 21mh Linn.

Kremenchuk

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Kremenchuk Freumh-fhaclachdKremenchuk EachdraidhKremenchuk Eòlas-sluaighKremenchuk Daoine AinmeilKremenchuk Bailtean Co-cheangailteKremenchuk IomraidheanKremenchuk Ceanglaichean a-machKremenchukAbhainnAn UcràinBaileCridheDùthaichIPAOleksandriyaPoltavaPoltavska OblastPòlaisRomàinisUcràinis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

GiniSudanIapanaisRobert Bruce MerrifieldMoldàibhiaWhitehorseMeasPär Fabian LagerkvistEabhraSluagh-Phoblachd na SìneLuís Vaz de CamõesJ. R. R. TolkienJohann Wolfgang von GoetheUisge-polo1833Na h-Eileanan FilipineachBodach StòrrIoslamCo-mhaoineas1448Otto von BismarckOhio10 an DàmhairNa h-InnseachanTobar an DualchaisCatarAn Dàrna CogadhFInterlingueRouenGavrilo PrincipLima30 an t-Samhain11 an t-SamhainOilthigh BergenAn Roinn-EòrpaFàsach NubianachPeallag (Creutair Miotas-eòlasach)68Àrc-eòlasWisconsinAlan Turing99399RiaghaltasCànan nam MāoriBiadh193Joaquín MosqueraCultarBreabadairCòcaireachdSaskatoonRobert HenrysonA' GhrèigÙrnaigh an Tighearna11Salvatore QuasimodoGàidhealtachd na h-AlbaPenrhyndeudraethIPA10BourgogneOLuibh-eòlas21 am FaoilleachNoam ChomskyUnnsaGregor MendelToruńWashington, D.C.CàmhalVladimir PutinMusicBrainzPrìomh-Dhuilleag39🡆 More