B' e saighdear, oifigear agus rèabhlaideach sòisealach às a' Phòlainn a bh' ann an Jarosław Dąbrowski (IPA: jaˈrɔswaf dɔmˈbrɔfskʲi, ainm slàn: Jarosław Żądło-Dąbrowski, far-ainmean Żądł—'gath' agus Łokietek—'stealladh', Żytomierz, 18 an t-Samhain, 1836 – Paris, 23 an Cèitean 1871).
Bha esan an lùib a' Chomainn Phais agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.
Jarosław Dąbrowski | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Zhytomyr agus Zhytomyr, 12 dhen t-Samhain 1836 |
Dùthaich | A' Phòlainn Impireachd na Ruise |
Àite-fuirich | Sankt Peterburg |
Bàs | Paris, 23 dhen Chèitean 1871 |
Àite-adhlacaidh | cladh Père Lachaise grave of Jarosław Dombrowski (en) |
Nàdar a’ bhàis | (killed in action (en) ) |
Fine | House of Dąbrowski (Radwan) (en) |
Foghlam | |
Foghlam | General Staff Academy (en) |
Cànain | Fraingis Pòlainnis Ruisis |
Dreuchd | |
Dreuchd | communard (en) agus luchd an airm |
Far-ainmean | Łokietek |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Imperial Russian Army (en) |
Ìre | shtabs-kapitan (en) oifigeach coitcheann |
Strì | Aramach an Fhaoillich 1871 Comann Pharis |
Rugadh e ann an Żytomierz, a bha sa Phòlainn fo bhuaidh na Ruise ach a tha san Ùcrain an latha an-diugh. Mac Wiktor Żądło-Dąbrowski à Dąbrówka agus Zofia Falkenhagen-Zaleska, bhuineadh e dhan teaghlach uachdarain Żądło-Dąbrowski z Dąbrówki h. Radwan. Chaidh e dhan Sgoil Saighdearachd ann am Brest - a tha sa Bhealaruis a-nis - ann an 1845, nuair a bha e dìreach 9 bliadhna a dh'aois air sàilleabh gun do bhàsaich a phàrantan agus chuir e crìoch air a chuid sgoil ann an Sankt Peterburg an ceann 10 bliadhna. An uair sin chuir e seachad ceithir bliadhna na oifigear san Arm is e a' sabaid ann an aghaidh nan Czerkess sa Cabhcas às leth an tsar. Fhuair e bonn leis cho gaisgeach 's a bha e.
Ann an 1859 chaidh e do Sgoil Choitcheann Mhìcheil nan Àrd Oifigear (Ruisis: Николаевская академия Генерального штаба) ann an Sankt Peterburg, far a thoisich e ann am poileataigs. Bha mòran oifigear, an dà chuid Ruiseanaich agus Pòlach, an lùib bhuidhne dhìomhair air an robh Tìr is Saorsa (Ruisis: Земля и воля), a ghabhadh a-steach daoine a bha meadhanach bheartach a bha a' gabhail ri rèabhlaid shòisealach air an dùthaich. B' e Dąbrowski airson atharraidhean sòisealta dha na daoine agus neo-eisimeileachd dhan Phòlainn. Ann an 1862 chaidh a chur gu Warszawa leis an 6mh roinn-fheachd Coise, far an do ghabh e pàirt ann an Ar-a-mach an Fhaoillich (Pòlais: powstanie styczniowe) an aghaidh an tsar ann an 1863, ach thugadh grèim air leis gun do bhrathaich oifigear eile e is chaidh a thoirt air falbh do Shibèirea. Theich e ann an 1865 is chaidh e thall thairis dhan Fhraing.
Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Louis Charles Delescluze, Eugène Varlin agus Auguste-Jean-Marie Vermorel. B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e dìreach 34 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Bha an eòlas armach aig Dąbrowski gu math feumail agus, a bharrachd air a bhith na comhairleach, bha e cuideachd os cionn feachdan a' Chomainn, mar a chanadh ris an ar-a-mach. Chaidh a mharbhadh a' dìon na rèabhlaide.
Dh'ainmicheadh iomadh sràid sa Phòlainn an a dhèidh agus b' e Dąbrowszczacy a chanadh ri na Pòlainnich a shabaid airson na Poblachd anns a' Cliath-chòmhraig Dhąbrowski, aig àm Cogadh Sìobhalta na Spàinne, eadar 1936 agus 1939.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Jarosław Dąbrowski, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.