B' e Imre Nagy (IPA: imrɛ ˈnɒɟ, 7 an t-Ògmhios, 1896, chuir gu bàs ann am Budapest 16 an t-Ògmhios, 1958) Prìomhaire Stalineach na h-Ungair air dà thuras agus na riochdaire dioplòmasach.
Imre Nagy | |||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
18 dhen Dùbhlachd 1944 - 3 dhen t-Samhain 1945
4 dhen t-Samhain 1945 - 1948
1948 - dhen Ghiblean 1955
4 dhen Iuchar 1953 - 18 dhen Ghiblean 1955 ← Mátyás Rákosi (en) - András Hegedüs (en) →
24 dhen Dàmhair 1956 - 4 dhen t-Samhain 1956 ← András Hegedüs (en) - János Kádár (en) →
2 dhen t-Samhain 1956 - 4 dhen t-Samhain 1956 ← Imre Horváth (en) - Imre Horváth (en) → | |||||||||||||
Beatha | |||||||||||||
Breith | Kaposvár (en) , 7 dhen Ògmhios 1896 | ||||||||||||
Dùthaich | An Ungair | ||||||||||||
Ciad chànan | Ungairis | ||||||||||||
Bàs | Budapest, 16 dhen Ògmhios 1958 | ||||||||||||
Àite-adhlacaidh | An Cladh Poblach Ùr, Budapest | ||||||||||||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (crochadh) | ||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||
Cèile | Mária Égető (en) | ||||||||||||
Clann | |||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||
Cànain | Ungairis Ruisis Gearmailtis Beurla | ||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, dioplomat agus eaconamaiche | ||||||||||||
Àitichean-obrach | Budapest | ||||||||||||
Ballrachd | Acadamh Ungaireach nan Saidheansan | ||||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||||
Strì | An Cogadh Mòr | ||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Comannach na h-Ungaire Am Pàrtaidh Ungaireach Comannach Pàrtaidh Ungaireach nan Obraichean Pàrtaidh Sòisealach Ungaireach nan Obraichean Pàrtaidh Sòisealach Deamocratach na h-Ungaire Pàrtaidh Làbarach Deamocratach Sòisealach (Bolshevik) na Ruise Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich |
Bha e ag obair mar ceàrd-glais mus deach e a' shabaid anns a' Chiad Chogadh Mòr. A sin bha e air a thoirt mar phrìosanach ann an 1915 agus thoisich e a bhith na cho-maoineach agus chaidh e a' shabaid anns an Airm Dearg. Troimh na 1930'an agus na 1940'an bha e ag obair airson an Uidheam Teàrainneachd Sobhiat agus leis a seo bha e a' faighinn oifisean anns an riaghaltas.
Stad e ag obair dhaibhsan anns na 1940'an agus thill e chun an Ungair ann an 1944. Ann an sin bha e na Mhinistear airson Àiteachas. Ann an 1953 bha e air a thaghadh mar Prìomhaire na h-Ungaire. Dà bhliadhna as deidh seo ann an 1955 thug feadhainn de na companaich aige air an oifis seo fhàgail seach gun robh e a' fàs robh libearalach. Chleachd e an tìde seo a' mach à oifis a' teagaisg.
Bha e na Phrìomhaire a rithist ann an 1956 troimh taghadh poblach fhad 's a bha an èireachadh ana-Sobhiat ann. Air an 31 den Dàmhair dh'fhoillsich e gun robh an Ungair a' dol a tharraing às bhon Còrdadh Warsaw. Air an 1 den t-Samhainn rinn e iarrtas troimhe an UN gu na cumhachdan mòr mar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte ag innse dhaibh mu dheidhinn neo-phàirteachd an Ungair.
Nuair a rinn na Sobhiats ionnsaigh air an Ungair chuir seo stad air an èireachadh agus bha aige, còmhla ri cuid eile a bha ag obair leis, ri dhol chun an ambasaid aig Iugoslàbhia airson tèarmann. Bha e air chuir air làimh air an 22 den t-Samhain agus air thoirt gu Romàinia. Bha e an uairsin air a thoirt air ais chun Ungair. Bha e air a chrochadh agus air a chur gu bàs ann am Budapest anns an t-Òghmios 1958.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Imre Nagy, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.