Hyères

‘S e port agus baile meadhanach ann an ceann a deas na Frainge a th’ ann Hyères (IPA: 'jɛʁ, Ocseadanais: Iero, IPA: 'jeɾɔ).

Hyères
Hyères
Gearradh-arm
no Seula
Hyères
Suidheachadh
Dùthaich Hyères An Fhraing
Ceàrn Hyères Provence-Alpes-Côte d'Azur
Sgìre Hyères Var
Co-chomharran 43° 07' 12 Tuath
06° 07' 54 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 132.28 km²
Àireamh-shluaigh 55,135 (2008)
Dlùths 416.81/km²
Àireamh fòn 04 83
Duilleag oifigeil http://www.ville-hyeres.fr

‘S ann às an fhacal Laideann Araea, neo boglach saillte a th’ann ainm a’ bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 963 mar Eras. Tha e suidhichte eadar 0m agus 364m os cionn ìre na mara (42 ann am meadhan), 65km air falbh bho Mharseille agus 702km bho Pharis prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 55,135 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile. Tha gnothaichean turasachd agus gnìomhachas a’ phuirt agus àiteachas gu math làidir an seo.

Eachdraidh

Thog na Greugaich daingeanach anns an sgìre anns an IV linn R. C. ris an canadh Olbia. Chruthaich na Ròmanaich port ris an canadh Pomponiana dìreach ri taobh Olbia anns an 2na linn R.C.

Chaidh Olbia a mhilleadh leis an Rìgh Gontran ann an 578. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an dà sgrìobhainn bho 963: litir eaglaiseil bhon Phàp Leon VIII agus èigheachd bho Conrad, Rìgh na Bourgogne agus Provence, a thug am baile is an sgìre do dh’ Abaid Montmajour. Thog Guillaume de Marseille Caisteal Hyères anns an 11mh linn, an dèidh do ruaig a thoirt air na Arabaich. ‘S e an 8mh baile na bu motha na Provence a bh' ann Hyères aig toiseach an 14mh linn, le mu 5,000 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile, ach chaochail mòran dhuibh leis a' Phlàigh, a ràinig ann an 1347. Cha robh ach mu1,900 daoine an seo an ceann ciad bliadhna.

Daoine ainmeil

Chuir Robert Louis Stevenson dà bhliadhna seachad ann an Hyères, eadar 1883 agus 1885, dìreach mar Joseph Conrad agus Lev Tolstoj. A bharrachd air sin, chaochail an sgrìobhadair Saint-John Perse (1887 – 1975) ann an Presqu’Île de giens, dìreach ri taobh a’ bhaile, agus bha taighean aig Edith Warton agus Paul Bourget ann an Hyères cuideachd.

Eòlas-sluaigh
(air a dhèanamh le Uicipeid)
Hyères

Bailtean Co-cheangailte

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

Tags:

Hyères EachdraidhHyères Daoine ainmeilHyères Ceanglaichean A-machHyères IomraidheanHyères963An FhraingBaileDùthaichIPALaideannMarseilleMuirOcseadanaisParisPort

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

GràdhHaidrideanStèisean Inbhir NarannMathanAn IolaireCànan oifigeilSiarra LeòmhannDonald TrumpWilhelm Conrad RöntgenDàirichBàrdPortagailisJean-Claude Van Damme1995Seumas II AlbaIorànSalzburgPòlaisDuais Nobel ann an EaconomachdNa h-Eileanan a-staighCroataisA' BheinisealaAm FaoilleachA' Ghearmailt an EarAramaisVladimir PutinAn Roinn-Eòrpa2024Trian a' PhùirLios MoFhèige890Baile Mhuilinn, Alba NuadhMatamataigCoirèa a Tuath1510an1721Rìghrean na h-AlbaAn Dàrna Cogadh4 am FaoilleachMacBheatha na h-Alba12 an t-SamhainAn RuisCarles Puigdemont i Casamajó1940An Iapan19 an GearranGdańskTurcmanastànSevillaDlùthsEòlas-comainnMadadh-cuainSpòrs1543Fuath-bìdh1870Co-ionnannachd comais-cheannachdTampa, FloridaSeamus HeaneyAn UcràinÀrd-sgoilÀileBliadhnaSìonaisAn EadailtEòrpiumAn Talamh (planaid)1994Trèanadh teagaisg🡆 More