Baile Honda

' S e baile beag faisg air Mariquita ann an Tolima, Coloimbia, a th' ann Honda neo San Bartolomé de Honda.

Honda
Baile Honda Baile Honda
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Baile Honda
Sealladh air a' bhaile
Baile Honda
Suidheachadh
Dùthaich Baile Honda Coloimbia
Roinn Baile Honda Tolima
Àirde 225m
Co-chomharran 05º 12' 00' Tuath
74 º 45' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 30,486 km²
Àireamh-shluaigh 27,310 (2005)
Dlùths 0.9/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte ann an meadhan na dùthcha ri taobh na h-aibhne Mhagdalena, 142km air falbh bho Bhogotá agus 240km bho Mhedellín. Tha àirde meadhanach dhe 225m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 27˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1560.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 27,310 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 893 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Honda. 'S e Tùsanaich a th' ann an 1.1%, daoine geala agus mestizos a th' ann an 33.9% agus tha 1.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 89.8% dhe na daoine ann an Honda leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 46.1% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Honda. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

Alfonso López Pumarejo (18861959): Ceann-suidhe na dùthcha anns na 1930an agus na 1940an.

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Honda

Iomraidhean

Baile Honda 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Baile Honda Sluagh a bhaileBaile Honda FèiseanBaile Honda Daoine AinmeilBaile Honda Ceanglaichean A-machBaile Honda IomraidheanBaile Honda1560Abhainn MhagdalenaBaileBogotáColoimbiaGnàth-shìdeMariquita (Tolima)MedellínTolima (Roinn)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Edwin MorganBarium1754Achadh na FeàrnaDùthaichTuigse inntealtaSeinneadair1154BerneÒrSeanailearOhio3 an t-IucharAchd na Gàidhlig 20051351Michael JacksonSingeapòrMusicBrainzDigital Object IdentifierBaile mòr2 SamuelKhabarovskSeumas VII Alba is II ShasainnMadridAn t-SuainA' Ghrèig ÀrsaidhLilongweNa Stàitean AonaichteTimișoaraSegoviaEun-turaisAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannFìdheallBreugIolraBarcelona10 am Faoilleach188912na linn RC21 an Dùbhlachd15691482ScandiumAn Eadailt1997An Laitbhe21mh LinnPhiladelphia, PennsylvaniaLa HabanaEabhraig Nuadh (baile)Eugenio Montale1846DelawareNick Griffin1980anRaon Ghàsa1545Siùrsachd19702013AsarbaideànBulgàirisPoblachd na h-ÈireannBaile a' ChipDàin do Eimhir7781927BeiliseMeadhananTubhaluÌosa CrìosdCSSCiNii199415 an Giblean🡆 More