Han Hollander

B' e neach-aithris, craoladair agus lùth-chleasaiche às na Tìrean Ìsle a bh' ann an Han Hollander (Ainm slàn: Hartog Hollander, Deventer, 5 an Dàmhair 1886 - Sobibór, 9 an t-Iuchar 1943).

Han Hollander
Han Hollander
Guth
Beatha
Breith Deventer, 5 dhen Dàmhair 1886
Dùthaich Han Hollander Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Ciad chànan Duitsis
Bàs Sobibór Extermination Camp (en) Translate, 9 dhen Iuchar 1943
Foghlam
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd preasantair telebhisein, neach-naidheachd, seinneadair agus pearsa rèidio

Beatha

Bhuineadh Hollander do theaghlach Iùdhach à Deventer: 's e bròcair a bh' ann athair, Simon, agus neach-malairt a bh' ann a sheanair, Jacob. Thoisich Han ball-coise a' cluiche leis a' chlub Go Ahead ann an 1902. Fhuair e obair ris an rèile ann an 1904 is e na phreantas chlèireach agus an uair sin na chlèireach. Phòs e ri Leentje Smeer ann an 1912. A bharrachd air a dreuchd fhèin, dhèanadh e aithrisean mu dheidhinn spòrs airson Het Sportblad agus, ann an 1921, chaidh e ainmeachadh leas-dheasaiche nan spòrs leis a' phàipear-naidheachd De Telegraaf. Choinnich e ri Willem Vogt nuair a bha e san arm. An ceann bhliadhnaichean, nuair a bha Vogt os cionn a' chompanaidh rèidio AVRO, thug e cuireadh do Hollander a bhith na chraoladair ball-coise. Rinn e a' chiad aithris beò air 11 am Màrt 1928 ann an gèama ball-coise eadar-nàiseanta eadar Na Tìrean Ìsle agus A' Bheilg. Chòrd a ghuth taitneach binn leis an luchd-èisteachd agus bha Hollander uabhasach ainmeil san dùthaich fad na 30an mar a' chiad aithrisiche spòrs aca.

Hitler

Chaidh Hollander gu Berlin airson a bhith a' toirt aithris rèidio air na gèamaichean Oilimpigeach. Fhuair e cothrom obair nan Nàsach fhaicinn. An ceann ceithir bliadhna, ann an 1940, thug A' Ghearmailt ionnsaigh air Na Tìrean Ìsle. Mhair an còmhstri dìreach còig latha, mus do mhill na Nàsaich Rotterdam. Theich an teaghlach rìoghail thall thairis agus ghèill an t-arm. Thoisich fasgadh nan Iùdhach ann an 1941, a dh'aindeoin stailc nan aghaidh. Bha an eaglais Caitligeach agus na h-aonaidhean-ciùird an aghaidh na bha na Nàsach a' dèanamh ach thug am poileas taic dhan nàmhaid: chaidh campa a stèidheachadh ann an Westerbork ann an 1942 agus fear eile ann an Amersfoort agus Vught. Chaill na h-Iùdhaich an dreuchd ann an 1940. Chuireadh an teaghlach Hollander tro champa ann an Westerbork ann an 1943. Bhàsaich a nighean Froukje sa champa Auschwitz thall sa Phòlainn air 28 an Gearran 1943 agus chaochail Han Hollander agus a bhean Leentje sa Champa Sobibór, air 9 an t-Iuchar 1943.

Iomraidhean

Tags:

188619435 an Dàmhair9 an t-IucharCraoladairDeventerNa Tìrean ÌsleNeach-aithris

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

370anPaul ModrichExtremaduraOsaka22 an DàmhairEntrerríosBaile an LuigCeòl22 an CèiteanPoblachd Meadhan AfragaTutankhamunGaisgeach8 am Màrt25 an LùnastalMeall (cnoc)JuneteenthTarragona (provincia)Fo-sgrìobhadhTeangaPàislig agus Siorrachd Rinn Friù a Tuath (sgìre Phàrlamaid Westminster)BogotáAn deoch dhraoidheilFlokkur FólksinsAn t-SuainDi-ArdaoinKingston, IaimeucaArabaisSienaDeòrsa II, Rìgh Bhreatainn is Èireann37529 am Faoilleach1629BBC a dhàEdward C. PrescottBliadhna-leumSoillseachadh na h-AlbaUileann28FitheachGainmheach10mh LinnNelson MandelaPeFachabairHTMLBàllaBataraidhÀisiaCogaidhean na CroiseModicaCharles DickensTailiumGràdhBoth BhùirnichMamalStoc rollaidh Fo-thalamh GhlaschuA' Ghearmailt an IarCofaidhLouis Charles DelescluzeLaideannMargaret Fay Shaw1691ByhaliaBristolBile phrìobhaideach1485An t-SultainEmmen490anNewsnight32CàmhalRobert Merton🡆 More