B' e bancair, cunntasair, neach-teagaisg, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Halldór Ásgrímsson (ˈhalːtour ˈaːuskrimsɔn).
Rugadh e air 8 an t-Sultain 1947 faisg air Vopnafjörður (Austurland). Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Bifröst, Oilthigh Bergen agus Oilthigh Copenhagen. Chuir e seachad bliadhna no dhà a' teagasg aig Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1974 agus bha e na Mhinistear an Èisg eadar 1983 agus 1991 agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2004 gu ruige 2006 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn. Phòs e aig Sigurjóna Sigurðardóttir ann an 1967 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla. Bha e os cionn Seðlabanka (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innse Tìle) bho 1980 gu ruige 1983. Chaochail Ásgrímsson le greim cridhe ann an Reykjavík air 18 an Cèitean 2015.
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Ásgrímsson os cionn an riaghaltais. Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
Ro-Theachdair: Davíð Oddsson (2004) | Forsætisráðherra | Neach-ionlaid: Geir Hilmar Haarde (2006) |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Halldór Ásgrímsson, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.