Gunnar Thoroddsen

B' e neach-lagha, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Gunnar Thoroddsen (IPA: ˈɡʏnːar ˈtʰoːurɔtˌsɛn).

Rugadh e air 29 an Dùbhlachd 1910 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1934 nuair a bha e dìreach 23 bliadhna a dh'aois, am fear na b'òige a chaidh a thaghadh dhan Alþingi a-riamh. Fhuair e trì ministrealachd (maoineachas, socharan sòisealta agus malairt) mus robh e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1980 gu ruige 1983 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Phòs e aig Vala Ásgeirsdóttir - nighean Ásgeir Ásgeirsson - ann an 1941 agus fhuair iad ceathrar chloinne còmhla. Bha e cuideachd na thosgair thall san Danmhairg, bho 1965 gu ruige 1969. Sheas e airson ceann-suidhe na dùthcha ann an 1968 ach cha deach a thaghadh, leis nach d' fhuair e ach 35,428 bhòtaichean (34.4%). Chaochail Thoroddsen ann an Reykjavík air 25 an t-Sultain 1983.

Gunnar Thoroddsen
Tosgair


Pròbhaist Reykjavík

10 dhen Ghearran 1947 - 19 dhen t-Samhain 1959
Ministear an Ionmhais Innise Tìle

20 dhen t-Samhain 1959 - 8 dhen Chèitean 1965
Guðmundur Ívarsson Guðmundsson (en) Translate - Magnús Jónsson (en) Translate
Ministear Chùisean Sòisealta

29 dhen Dàmhair 1974 - 9 dhen Dàmhair 1978
Magnús Torfi Ólafsson (en) Translate - Magnús Helgi Magnússon (en) Translate
Minister of Industry of Iceland (en) Translate

29 dhen Dàmhair 1974 - 9 dhen Dàmhair 1978
Magnús Kjartansson (en) Translate - Hjörleifur Guttormsson (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

8 dhen Ghearran 1980 - 26 dhen Chèitean 1983
Benedikt Sigurðsson Gröndal - Steingrímur Hermannsson
Beatha
Breith Reykjavík, 29 dhen Dùbhlachd 1910
Dùthaich Gunnar Thoroddsen Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 25 dhen t-Sultain 1983
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (bànachadh-fala)
Foghlam
Foghlam Oilthigh Innis Tìle
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat, neach-teagaisg oilthigh agus neach-lagha
Fastaichean Oilthigh Innis Tìle
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn

Caibineit Thoroddsen

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Thoroddsen os cionn an riaghaltais. Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:

  • Gunnar Thoroddsen: Prìomhaire agus Ministear Staitistig
  • Ólafur Jóhannesson: Rùnaire na Stàite
  • Friðjón Þórðarson: Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
  • Hjörleifur Guttormsson: Gnìomhachas
  • Ingvar Gíslason: Foghlam
  • Pálmi Jónsson: Àiteachas
  • Ragnar Arnalds: Ionmhais
  • Steingrímur Hermannsson: Iasgach agus Còmhdhail
  • Svavar Gestsson: Cùisean Sòisealta, Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta
  • Tómas Árnason: Malairt

Iomraidhean

Ro-theachdair:
Benedikt Sigurðsson Gröndal
(1980)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Steingrímur Hermannsson
(1983)

Ceanglaichean a-mach

Tags:

1910193419411965196819691980198325 an t-Sultain29 an DùbhlachdAlþingiAn DanmhairgFoghlamGàidhligIPAInnis TìleMenntaskólinn í ReykjavíkNeach-laghaNeach-poileataigsOilthigh Innis TìlePrìomh-mhinistearPrìomh-mhinistear Innise TìlePàisteReykjavíkRiochdaire dioplòmasachSjálfstæðisflokkurinnTosgairÁsgeir Ásgeirsson

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

PortagailisAn FhraingTurcmanastànMeagsago22 an Gearran1944Màiri I, Bànrigh na h-AlbaFraingisAn Èipheit2006A' PhòlainnAbhlan coisrigteCainealCo-nasgadh nam MuiscaSiùrsachd21 am FaoilleachGàidhligÌmpireachd Naomh na RòimheLunnainnBàn-righ Ealasaid IGrover ClevelandFritz HaberDigital Object Identifier19 an t-ÒgmhiosArieh WarshelAn Roinn-Eòrpa894Mean-fhàsIain N. MacLeòidNa h-Eileanan SiarWollongongJeanne d'Arc47TelebhiseanSgalpaigh na Hearadh19 am FaoilleachCòraichean daonnaRichard Nixon30 an t-Ògmhios830Deamocrasaidh14 an GibleanMarsBrilleanAmeireagiumNìgeiria26 an GibleanBreatainn MhòrAsarbaideànAimsir1126SealtainnAn Dàrna CogadhCànanachasTionndadh GnìomhachaisVirginia29 an t-ÒgmhiosGelderlandIstanbulCSSSingeapòrBlàr Stalingrad13Guðmundur Emil JónssonMeatailt throm1953Hong KongBacteriaAn t-Aonadh SobhiatachTeàrlach IIJohannes VermeerCifuentes22 an LùnastalCàmhalElvis Presley🡆 More