Coloimbia Girardot

'S e baile meadhanach ann an Cundinamarca, Coloimbia, a th’ann an Girardot.

Girardot
Coloimbia Girardot Coloimbia Girardot
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Coloimbia Girardot
Sealladh air a' bhaile
Coloimbia Girardot
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia Girardot Coloimbia
Roinn Coloimbia Girardot Cundinamarca
Sgìre Alto Magdalena
Àirde 289m
Co-chomharran 04° 18' 18' Tuath
74° 48' 06' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 129 km²
Àireamh-shluaigh 97,834 (2005)
Dlùths 758.4/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 289m os cionn ìre na mara agus 134km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 33˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Girardot an 50mh baile as motha na dùthcha. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1852.

Freumhan an Ainm

'S e La Chivatera an t-ainm a bha air an sgìre seo o shin, bhon fhacal Spàinntis Chivo (Gobhar). Fhuair am baile an t-ainm Girardot ann an 1852 mar chuimhne air Anastasio Girardot, curaidh às A' Bheiniseala a bha an sàs ann an cogaidhean an aghaidh na Spàinne airson neo-eisimeileachd an Aimearaga-Laideannach. Fhuair am baile Girardota ann an Antioquia ainm mar chuimhne airsan cuideachd.

Sluagh a' bhaile

Tha 97,834 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 3,475 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girardot, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 38.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.5% dhe na daoine ann an Girardot leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 64.1% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girardot. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Girardot

Tags:

Coloimbia Girardot Freumhan an AinmColoimbia Girardot Sluagh a bhaileColoimbia Girardot FèiseanColoimbia Girardot IomraidheanColoimbia Girardot Ceanglaichean A-machColoimbia Girardot1852BogotáColoimbiaCundinamarca (Roinn)Gnàth-shìde

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

2004J. R. R. TolkienInnleadaireachdBean-nigheAlbaisPopCnòAbhainn IlidhGGeorg Wilhelm Friedrich HegelBancaACDi-ArdaoinCearcLimaBanaisA' GhearmailtBeathach1259EabhraAn GibleanAirgead (malairt)MeasAn Ear-thuath a DeasAonghasAn Garradh Thlachdan TalmhaidhWilliam DunbarImpireachd nan OtomanachDaniel Kahneman89Gàidhealtachd na h-AlbaSalzburgA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a DeasWill PoulterA' BheilgDohaWikimediaAinmearPetrópolisCànan nam MāoriLuís Vaz de CamõesSearbhagRobert HenrysonUilleam Dhòmhnaill 'ic ChoinnichLaphroaigPoblachdSluagh-Phoblachd na SìneKofi AnnanKarachiAristotelisAn Talamh (planaid)Uisge-poloEYÀireamh-shluaighJean-Marie LehnLideBerlinOBerdianskCànanan Ceilteach30 an t-SamhainGlaschu1607SeinneadairSiorrachd PheairtEachdraidhLongHTMLClach ghrùideachChristchurch, Sealainn NuadhZulu (cànan)Neach-laghaUile-losgadh1974Ioràc🡆 More