'S e bancair, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a th' ann an Geir Hilmar Haarde (ˈceːir̥ ˈhɪlmar̥ ˈhɔrtɛ).
Rugadh e air 8 an Giblean 1951 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Brandeis, Oilthigh John Hopkins agus Oilthigh Minnesota thall sna Stàitean. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1986 agus bha e na Mhinistear an Èisg eadar 1983 agus 1991 agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2004 gu ruige 2006 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an co-bhann le Framsóknarflokkurinn. Phòs e aig Patricia Angelina Mistretta ann an 1975 agus fhuair iad dithis chloinne còmhla agus an uair sin aig phòs e aig Inga Jóna Þórðardóttir ann an 1987, agus tha dithis eile aca. B' e gu robh na thachair ann an Innis Tìle aig àm staing an eaconomaidh cho doirbh is gun deach an dùthaich tro gach cruadal gun toireadh Haarde dhan Taigh-cùirte air a bheil Landsdómur. Bha e an sàs ann an Seðlabanka (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innse Tìle) bho 1977 gu ruige 1983. Bho 2015 tha e air a bhith na thosgair thall san Stàitean agus ann an Aimearaga a Deas.
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Haarde os cionn an riaghaltais. Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
Ro-Theachdair: Halldór Ásgrímsson (2006) | forsætisráðherra | Neach-ionlaid: Jóhanna Sigurðardóttir (2009) |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Geir Hilmar Haarde, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.