Garðabær

'S e baile air an àirde an iar-dheas Innis Tìle a th' ann an Garðabær (IPA: ˈkarðapair̥).

Garðabær
Garðabær
Gearradh-arm
no Seula
Garðabær
Garðabær
Suidheachadh
Dùthaich Garðabær Innis Tìle
Sgìre Höfuðborgarsvæðið
Co-chomharran 64° 5' 2 Tuath
21° 55' 3 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 76 km²
Àireamh-shluaigh 16,299 (2019)
Dlùths 214.46/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, aig 42m os cionn ìre na mara, san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' Phrìomh-bhaile), ri taobh an leth-eilean Bessastaðanes, 55km air falbh bho Selfoss agus 637km bho Egilsstaðir. Tha 16,299 duine a’ fuireach sa bhaile. 'S e an còigeamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður agus Akureyri 's a th' ann an Garðabær. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.

Eachdraidh

Chaidh dà thuathanas san sgìre clàraichte san Landnámabók, Vífilsstaðir agus Skúlastaðir. Thug spùinneadairean às Chosta Bharabarach ionnsaigh air an sgìre ann an 1688 ach dhìon gunnaichean mòra am baile. B' e gu robh na spùinneadairean a' feuchainn ris na daoine a thoirt am brùid is gan reic mar tràillean thall thairis. Tha Àros a' Chinn-suidhe, a chaidh a thogail ann an 1766 agis ris an canar Bessastaðir, suidhichte ann an Garðabær. Cha robh ach mu 1,000 duine a' fuireach ann an Garðabær aig toiseach na 60an. B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Garðabær ri fhàs, gu seachd-àraidh leis cho faisg air Reykjavík 's a tha e. 'S ann ann an Garðabær 's a tha Bjarni Benediktsson, a bha na Phrìomh-mhinistear Innis Tìle ann an 2017, a' fuireach ann. A bharrachd air sin, thogadh Guðni Thorlacius Jóhannesson - ceann-suidhe Innise Tìle an seo.

Freumh-fhaclachd

Tha an t-ainm a' ciallachadh Baile a' Ghàrraidh sa chànan aca, bho Garð (Gàrradh) agus Bær (baile).

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Garðabær 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Garðabær EachdraidhGarðabær Freumh-fhaclachdGarðabær Daoine AinmeilGarðabær Bailtean Co-cheangailteGarðabær IomraidheanGarðabær Ceanglaichean a-machGarðabærAkureyriBaileDùthaichEgilsstaðirHafnarfjörðurHöfuðborgarsvæðiðIPAInnis TìleKópavogurLeth-eileanMuirReykjavíkSelfoss

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Martin HeideggerPierre CurieBancaCleasaicheCarbad-adhair1830Sgioba Nàiseanta Ball-coise nam Ban AlbannachCo-nasgadh nam MuiscaPràgSulawesiBeathachA' GhrèigDàirichInnleadaireachdBuirciona FasoGini7317 an GibleanAn t-Eilean SgitheanachMarie Antoinette650SeinneadairGàidhealtachd na h-Alba1833ProifeasanToomas Hendrik Ilves39Gregor MendelRìghrean na h-AlbaCarbon dà-ogsaid12Süleyman IFiodhBorneoFoghlamIPALideGnothachasEalainImpireachd nan OtomanachFàrothais2004K. Barry SharplessVUilleam Dhòmhnaill 'ic ChoinnichNeach-laghaCarles Puigdemont i CasamajóAntamonaidhCànanachasFaoiteag2021Beart-chlò1974An Laitbhe1656A' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a DeasCnò78Bith-eòlas1599DorasSiorrachd PheairtFoghlam tro Mheadhan na GàidhligLao ZiAn Garradh Thlachdan TalmhaidhTurasachdA' PhortagailRèidio dà LochaDoricCànanan CeilteachL85🡆 More