Fìorachas Druidheil

‘S e gluasad anns an litreachas bho Aimearaga a Deas a nochd anns an 20mh Linn a th’ann am Fìorachas Druidheil (Spàinntis Realismo Mágico).

Mar as àbhaist, bithear ag eadar-fhigheadh pàirtean os-nàdarrach ann an meadhan stoiridhean traidiseanta neo fìor, gun a bhith ag atharrachadh an t-saoghail neo ìre na cànain idir, is le sin bithear a’ filleadh an t-stuth seo ann am beatha làitheil na caractaran.

Tha na leabhraichean sin làn ìomhaighean àlainn, Synesthesia (Greugais: Συναισθησία) agus iomraidhean subsaigeach na fìrinne, is sin a’ cuideachadh leis a bhith a’ sealltainn dhuinn na ceanglichean a th’ann eadar na tha beò agus gaotharlanachd, o chionns nach eil a h-uile càil idir fìor ach a-rèir bheachd an t-seanachaidh fhèin neo air sàilleabh a’ bhruadair a th’ann. Mar sin, tha am bàs uabhasach cudromach, oir chan eil sin a’ toirt an gnothach gu ceann, leis gu bheilear ag innse gur e dìreach ceum eile a th’ann. Mar as àbhaist, bidh mòran charactaran marbh a’ nochdadh eadar an fheadhainn a tha fhathast beò, ann an dòigh nàdarrach co-dhiù. Mar eisimpleir, ann an Ciad Bliadhna dhe Uaigneas (Spàinntis: Cien años de Soledad) le García Márquez, nochdaidh Melquíades air feadh an àite fad na sgeòil, a dh’aindeoin gun do bhàsaich e o chionn fhada.

Tha Gabriel José García Márquez, Augusto Roa Bastos agus Isabel Allende am measg na h-ùghdairean nas ainmeile a’ ghluasaid sin. Thathar a’ cumail a’ dol gu bheil feadhainn eile air a bhith coltach ris a’ bhuidhinn seo, mar Günter Grass. Ach tha sin gu math connspaideach fhathast, leis gur iad sgrìobhadairean bho chultaran eile neo nas òige a th’ann.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

20mh LinnAimearaga a DeasLitreachasSpàinntis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Cubhait (baile)Na h-Iomaratan Arabach AonaichteDigital Object IdentifierAibidil CirillachGasKlaipėdaSìonaisLochan Dubh nam BreacJersey NuadhGàidhlig1802Na h-Eileanan Samhraidh1937221Aimearaga a DeasBuidheann cinneachail22 an Giblean40047Cànain GhearmaineachCànanLochain DubhaSasainn NuadhDath1931AstràiliaLunnainnAn Cogadh MòrAonadh-ciùirdIterbiumSaideal fuadainÀiteachasAn FhraingNeach-teagaisgActairHunzahúaSamuel BeckettSudan2007Deuchainn-lannNa h-InnseachanTaigh na GàidhligSpioradalachd1945Nassau1992Liverpool, Alba NuadhAn ÈipheitHTMLAlasdair mac Mhaighstir AlasdairCabhlach5 an t-IucharAsal stiallach1940an1898An t-SultainOntario640Meatailt alcalaidhTaylor SwiftEadar-theangachadhFraingisBaile PhiogtoCuan Innseanach1200EaglaisÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteLusBall-coise Aimearaganach🡆 More