Frits Zernike

Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia

B' e eòlaiche-fiosaig às na Tìrean Ìsle a bh'ann am Frederik Frits Zernike (IPA: freːdərɪk frɪts ˈzɛrnikə, Amsterdam 16 an t-Iuchar 1888 - Amersfoort 10 am Màrt 1966).[1]

Frits Zernike
Zernike.jpg
Beatha
BreithAmsterdam, 16 dhen Iuchar 1888
Dùthaich Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Ciad chànanGearmailtis
BàsAmersfoort (en) Translate, 10 dhen Mhàrt 1966
Teaghlach
CèileDora van Bommel van Vloten (en) Translate  (28 dhen Fhaoilleach 1930 -  16 dhen Ghearran 1945)
Lena Koperberg-Baanders (en) Translate  (12 dhen Ghearran 1954 -
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
FoghlamOilthigh Amsterdam
Oilthigh Groningen
Stiùiriche an teusaisAndreas Smits (en) Translate
Oileanaich dotaireachdChristoffel Jacob Bouwkamp (en) Translate
Herman Johannes de Boer (en) Translate
Harold Hopkins (en) Translate
Bernard Roelof Andries Nijboer (en) Translate
Hendrik Groendijk (en) Translate
Clasine van Winter (en) Translate
CànainGearmailtis
Dreuchd
Dreuchdfiosaigiche, matamataigear, innleachdair, neach-teagaisg oilthigh agus ceimigear
FastaicheanOilthigh Groningen  (1915 -  1920)
Oilthigh Groningen  (1920 -  1920)
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BuaidhJacobus Kapteyn (en) Translate
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan

Beatha

B' e luchd-teagaisg mhatmataig a bh' ann a phàrantan, Carl Frederick August Zernike (1859 - 1922) agus Antje Dieperink (1859 - 1929). Bha a phiuthar Anne Zernike (1887 - 1972) a' chiad mhinistear bhoireann[2] san eaglais agus bha a phiuthar eile Elisabeth Zernike (1891 - 1982) na sgrìobhadair.[3] A thuilleadh air sin, bha a bhràthair Johannes Zernike (1901 - 1988) na cheimeagair.

Thug e ceum ann an ceimigeachd, matamataig agus fiosaig aig Oilthigh Amsterdam ann an 1912. Bhuannaich e duaisean airson a chuid obrach air opaileasans ann an gasaichean agus an uair sin chuir e seachad dà bhliadhna ag obair fo Jacobus Cornelius Kapteyn (1851 - 1922) aig Oilthigh Ghroningen. Aig àm an dàrna cogaidh b' e na Gearmailtich a chleachd an rannsachadh aige anns a' chogadh.

Phòs e dà thuras: a' chiad turas ann an 1930 aig an tidsear Theodora Willemina van Bommel van Vloten (1887 - 1945)[4] agus an uair sin ann an 1954 aig Lena Baanders (1886 - 1975). Bha duine-cloinne aige: N. N. Zernike agus Frits Zernike. Bhuannaich Gerardus 't Hooft, mac a pheathar, an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1999 cuideachd.[5]

Urraman

Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1953 airson a chuid obrach air maicreasgopachd ìrean-iomsgarach.[6] Dh'ainmich sgire an oilthigh ann an Groningen an a dhèidh (Zernike Campus)[7] a bharrachd air cruinn-shloc air a Ghealaich agus astaroid (11779 Zernike).[8]

Iomraidhean

  1. NNDB
  2. Anne Zernike
  3. DBNL
  4. Alle Groningers
  5. UU
  6. Duais Nobel
  7. Zernike Campus
  8. NASA

#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (Study in China) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.
This article uses material from the Wikipedia article Frits Zernike, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.