Tha Frances Tolmie (1840-1926) ainmeil airson nan cruinneachaidhean de dh'òrain Ghàidhlig a rinn i.
B' i a' chiad neach-cruinneachaidh nach do dh'fheuch na h-òrain a 'leasachadh' nuair a dh'fhoillsich i iad, ach a thug iomradh orra mar a chuala i iad.
Frances Tolmie | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Diùirnis, An t-Eilean Sgitheanach, 13 dhen Dàmhair 1840 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Dùn Bheagain, 31 dhen Dùbhlachd 1926 |
Foghlam | |
Foghlam | Colaiste Newnham |
Cànain | Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | beul-aithrisiche |
Rugadh i ann an 1840 ann an Uiginis, an t-Eilean Sgitheanach. B' e athair John Tolmie, fear-baile no gabhaltach ann an Uiginis. Tha beul-aithris air an Eilean ag innse gur e Lochlannaich a bh' anns na Tolmie agus gun do thog iad Caisteal Dhùin Thuilm.
Chuir i seachad a beatha le a bràthair ann an Sròn an t-Sìthein agus an uair sin ann an Bracadal bho 1856 nuair a chaidh a bràthair a ghairm dhan eaglais an sin.
Bha Gàidhlig aice agus bha comas aice ceòl a sgrìobhadh agus a leughadh.
Mar nighean òg, rinn i obair airson a' Bhana-mhaighstir NicLeòid Dhùn Bheagan, a' fighe stocainnean do shaighdearan anns a' Chogadh Crimea. B' ann aig an àm sin a thòisich i òrain a chruinneachadh bho a teaghlach fhèin agus a coimhearsnachd. Thug i na h-òrain dhan English Folksong Society a dh'fhoillsich iad ann an 1911. Thug i òrain cuideachd do Keith Norman MacDonald agus tha 130 òrain anns a' Gesto Collection a dh'fhoillsich e.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Frances Tolmie, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.