Tha am fitheach (Laideann: Corvus corax) na eun làidir agus garg.
Corvus corax | |
Fitheach | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Passeriformes |
Teaghlach | Corvidae |
Gèineas | Corvus |
Spèiseas | C. corax |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Corvus corax Linnaeus, 1758 | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Fitheach Cnàimh-fhitheach Coirbidh |
'S e is àite-còmhnaidh dhan fhitheach àrd-mhonadh, far am bheil pailteas de sprèidh ga chumail suas.
Coltach ris an iolair tha am fitheach a' tighinn beò air eòin bheaga, air uain, agus, feadh a' gheamhraidh, air cairbh bheathaichean a tha a' faotainn bàis le plàigh, le fuachd, no le gort.
'S e an t-sùil a' chiad nì air am bheil am fitheach a' toirt ionnsaigh nuair a tha e ag iarraidh cobhartaich; agus tha e gu minig a' dalladh chaorach le a sgiathan, agus an sin a' spìonadh a-mach an sùilean, agus gam marbhadh.
Cha dèan am fitheach feum sam bith de chnàimh lom, agus uime sin is e an cnàimh air am faigh e a' bheag no a mhòr de chriomadh air am bi gaol aige. Tha mòran ann a tha a' cumail a-mach gum bheil gaol aca air muinntir nuair nach eil aca orra ach gaol an fhithich air a' chnàimh. Tha mòran de nàdar feòlmhor, truaillidh an fhithich anns a' mhuinntir seo. Chan eil e doirbh do dhuine glic, geur-chùiseach, dealachadh a chur eatorra seo agus a' mhuinntir anns am bheil nàdar glan, uasal a' chalmain.
Is anabarrach comharraichte mar a chruinnicheas na fithich as gach àird a dh' ionnsaidh na closnaich mun gann a gheibh an t-ainmhidh bàs. Bha na seann daoine ann am beachd gun robh fiosachd aca. Air a' cheart dhòigh thèid na daoine a tha salach, truaillidh nan nàdar a dh'ionnsaidh an àite anns am faigh iad am miannan truaillidh a shàsachadh. Mar a chì sùil gheur an fhithich a chlosnach 's e ag itealaich seachad anns na speuran, chì an duine truaillidh mar an ceudna an nì a tha truaillidh.
Tha am fitheach neo-ghlan, salach 's mar a tha e gu nàdarra, miadhail gu leòr air àlach fhèin. Ach mar a tha am facal ag ràdh, cha tugadh e sùil a' bheathaich mhairbh do a isean fhèin. Is minic a bha daoine an aghaidh blasad air an t-sùil nuair a chuirte ceann na caorach fan comhair air a' bhòrd, an dèidh dha bhith air a ghlanadh 's air a dheasachadh gu math 's gu ro mhath, agus an àm a bhith a' moladh cho math 's a tha an t-sùil ri a h-ithe, theirte, "Cha tugadh am fitheach don isean i."
Tha e coltach gur e am fitheach eun cho tràth air a' bhliadhna 's a nì a nead 's a th' anns an ealtainn. Is e a nàdar seo a dhèanamh, agus fhad 's a bhios am fitheach beò bidh e air a riaghladh le a nàdar.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Fitheach, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.