'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann am Fearghas Ewing, BPA (Beurla: Fergus Ewing).
Tha e na BhPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Narann; bha e cuideachd ball an Riaghaltais mar Mhinistear airson Cumhachd, Iomairt agus Turasachd agus chaidh e na Rùnaire Stàite airson an Eaconomaidh Dhùthchail agus Comais-cheangail an dèidh don taghadh Albannach 2016. Tha e na bhall de Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Dh'fhàg e an riaghaltas an dèidh to thaghadh ann an 2021.
Bhot e an aghaidh an Riaghaltais ann am moladh cion-earbsa ann an Lorna Slater, ministear Uaineach anns an Ògmhios 2023. Air sgàth seo, chur buill Pàrlamaid na h-Alba e à buidheann phàrlamaideach an SNP airson seachdain.
Bha e pòsta aig Mairead Ewing, BPA, a chaochail le aillse ann an 2006 agus 's e cuideachd mac Winnie Ewing a th' ann. Tha a phiuthar, Annabelle Ewing, na BPA airson Cowdenbeath agus bha i cuideachd na ministear.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Fearghas Ewing, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.