Eryri

3°51′W / 52.9°N 3.85°W / 52.9; -3.85

'S e roinn is pàirc nàiseanta ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann an Eryri (Beurla: Snowdonia). Tha a' phàirc nàiseanta cho mòr ri 838 mìle ceàrnach (2,170 km2). 'S e a' chiad phàirc nàiseanta a chaidh a chur air bhonn anns a' Chuimrigh agus cuideachd na pàirc nàiseanta as motha anns a' Chuimrigh. Chaidh a stèidheachadh ann an 1951, roimhe seo chaidh an t-ainm Eryri/Snowdonia a chleachdadh airson roinne na bu lugha timcheall air a' bheinn Yr Wyddfa.

Eryri
Sealladh bho Chrib Goch air Llyn Llydaw
Eryri
Mapa na pàirce nàiseanta

Ainmean

Gu eachdraidheil canar "Eryri" anns a' Chuimris ris an roinn timcheall air a' bheinn Yr Wyddfa. Is dòcha gu bheil an t-ainm seo ceangailte ris an fhacal Chuimreach eryr a tha a' ciallachadh "iolaire" neo mar tha Sir Ifor Williams, sgoilear Chuimreach, a' cumail a-mach is dòcha gu bheil an t-ainm dìreach a' ciallachadh "àrd-tìr". Tha dlùth-cheangal aig an t-ainm Eryri ri eachdraidh, dualchas is cultar na Cuimrigh.

Eryri 
Sealladh air cuid de na beanntan, tha Yr Wyddfa anns a' mheadhan air an làimh dheis agus Glyderau air astair air a chùlaibh

Thàinig an t-ainm Beurla Snowdonia bhon ainm Bheurla "Snowdon" airson Yr Wyddfa. Anns na Meadhan aoisean chaidh an tiotal "Tywysog Cymru ac Arglwydd Eryri" (Prince of Wales and Lord of Snowdonia) a chleachdadh gu oifigeil airson Llywelyn ap Gruffudd, Prionnsa na Cuimrigh. Mus deach a' phàirc nàiseanta a chur air bhonn, bha "Snowdonia" dìreach a' ciallachadh na roinn bige ann an ceann a tuath Gwynedd, an àrd-tìr timcheall air Yr Wyddfa agus trì sreathan bheanntan eile faisg air, Glyderau, Carneddau agus Moel Siabod. An-diugh tha a' phàirc nàiseanta "Snowdonia" mu dhà thuras as motha na an roinn tùsail agus tha e a' sìneadh gu deas gu Meirionnydd. Ach chan eil na beanntan deas air Maentwrog nam pàirt den phàirc.

A' Phàirc nàiseanta

Chaidh a' phàirc nàiseanta Parc Cenedlaethol Eryri (Cuimris; Snowdonia National Park sa Bheurla) a chur air bhonn ann an 1951 agus 's e an treas pàirc nàiseanta a chaidh a stèidheachadh anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha e cho mòr ri 827 mìle ceàrnach (2,140 km2), agus tha mu 37 mìle (60 km) de na crìochan aige air iomall-fairge. Tha e a' gabhail a-steach cuid de na beanntan is lochan as motha a tha anns a' Chuimrigh is ann an Sasainn.

Tha e fo chùram Ùghdarras Pàirc Nàiseanta Snowdonia. Tha prìomh-oifis an ùghdarrais ann am Penrhyndeudraeth agus tha 18 buill aig an ùghdarras. Air sgàth 's gu bheil a' phàirc suidhichte gu ìre mhòr ann an Gwynedd agus na sìneadh gu Conwy tha 9 buill à Gwynedd agus 3 buill à Conwy ann mar riochdairean ionadail agus 6 eile bhon t-Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh mar riochdairean nàiseanta. Eu-coltach ri pàircean nàiseanta ann an dùthchannan eile tha a' phàirc seo a' gabhail a-steach an dà chuid fearann ann an seilbh phrìobhaideach is ann an seilbh poblach a bhios uile fo stiùireadh ùghdarras na pàirce.

Seòrsa seilbh Ceudan (%)
Prìobhaideach 69.9
Coimisean na Coilltearachd 15.8
Urras Nàiseanta 8.9
Countryside Council for Wales 1.7
Ùghdarras Pàirc Nàiseanta 1.2
Companaidhean uisge 0.9
Eile 1.6
Eryri 
Cuaraidh faisg air Llanberis

Tha barrachd na 26,000 duine a' fuireach anns a' phàirc, agus tha Cuimris aig 62% dhiubh. Ged a tha mòran bheanntan ann, tha àiteachas cumanta an seo fhathast. Tha barrachd na 6 millean luchd-turais a' tighinn don phàirc gach bliadhna, leis an dàrna leth dìreach a' tighinn dìreach airson latha. Mar sin tha a' phàirc seo anns an treas àite a thaobh luchd-tadhail ann am pàircean nàiseanta ann an Sasainn agus a' Chuimrigh.

Tha toll ann am meadhan na pàirce timcheall air a' bhaile Blaenau Ffestiniog, teis-meadhan chuaraidhean sglèata. Ged a tha sin caran neo-àbhaisteach, rinneadh a dh'aona-ghnothach e gus cothrom a thoirt do mhuinntir na h-àite, gnìomhasan beaga a stèidheachadh an àite nan seann chuaraidhean sglèata a bh' ann gu ruige seo.

Sreath bheanntan

Eryri 
Sealladh air na beanntan timcheall air Blaenau Ffestiniog

Canar gu bheil ceithir roinnean ann an Eryri:

  • Tha ceann a tuath as tarraingiche don luchd-turais. Tha e a' gabhail a-steach (bhon iar chun an ear) Moel Hebog, Mynydd Mawr is an Nantlle Ridge; an Snowdon Massif; Glyderau agus Carneddau. 'S iad na beanntan as àirde anns a' Chuimrigh. Tha Yr Wyddfa, a' bheinn as àirde anns a' Chuimrigh, suidhichte anns an roinn seo. Tha e mu 3,560 troigh (1,085 m) a dh'àird os chionn na mara.
  • Tha an dàrna roinn a' gabhail a-steach mullaichean mar Moel Siabod, Cnicht, Moelwynion, agus na beanntan timcheall air Blaenau Ffestiniog.
  • Tha an treas roinn a' gabhail a-steach Rhinogydd san iar; Arenig, Migneint (boglach) agus an t-seann bheinn-teine Rhobell Fawr. Air sgàth 's gu bheil an roinn seo gu math iomallach, chan tèid mòran luchd-turais ann.
  • 'S iad Cadair Idris, na Dyfi hills agus na beanntan timcheall air Aran Fawddwyanns an roinn as deasaiche.

Coiseachd

Eryri 
Cas-cheum faisg air Llyn Barfog ann an Gwynedd

Is fheàrr leis an luchd coiseachd an roinn timcheall air beinn Yr Wyddfa. Air sgàth 's gu bheil an dùthaich seo math airson coiseachd is sreap, tha na slighean a' fàs caran dòmhail bho àm gu àm, gu h-àraid leis an Snowdon Mountain Railway a bhios a' dol gu mullach na beinne. Ge tà, tha cuid sligean inntinneach eile anns na beanntan nas ìsle ann nach eil cho trang.

A measg nan h-àitichean as fheàrr airson coiseachd 's iad: Y Garn san àird an ear air Llanberis; Mynydd Tal-y-Mignedd san iar air Yr Wyddfa; Moelwyn Mawr san iar air Blaenau Ffestiniog agus Pen Llithrig y Wrach san àirde a tuath air Capel Curig. Sa deas tha Y Llethr ann an Rhinogydd, agus Cadair Idris faisg air Dolgellau tarraingeach don luchd-coiseachd cuideachd.

Uile gu lèir tha mu 1,479 mìle (2,380 km) de chas-cheuman airson coiseachd ann. A bharrachd air sin tha 164 mìle (264 km) de shlighean ann airson marcachd.

Àrainneachd

Eryri 
Tha an t-uisge a' thighinn ann an Llyn Cowlyd

'S e Ionad Sònraichte Glèidhteachais a th' ann an iomall-fairge na pàirce gu lèir. Tha an t-iomall-fairge a' dol eadar an leth-eilean Llŷn agus an costa ann am meadhan na Cuimrigh, far a bheil dùin-ghainmhich sònraichte ann.

Bho thùs bha agus tha coilltean ann le craobhan eadar-dhealaichte. 'S e an darach neo-ghasagach (quercus petraea) a' chraobh as cumanta a th' ann. Tha craobhan beithe, craobhan-uinnsinn (fraxinus excelsior), caorainn (sorbus) is craobhan-calltainn rim faicinn cuideachd. Bha prògraman coilltearachd ann agus thogadh coille chònach mar Gwydir Forest faisg air Betws-y-Coed, ach a-nis leigear na craobhan a' fàs gu nàdarra a-rithist.

'S e Eryri a tuath an t-àite a-mhàin ann am Breatainn far a bheil an Snowdon lily a' fàs. Agus 's e sin an t-àite a-mhàin air feadh an t-saoghail, far a bheil an Snowdonia hawkweed (Hieracium snowdoniense) a' fàs.

Tha pàirt mhòr den phàirc nàiseanta ainmichte mar Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (ISSS), Tèarmann-nàdair Nàiseanta, Ionad Sònraichte Glèidhteachais, Arainn Glèidhteachais Shònraichte, bith-chruinne neo air a dhìon a rèir Cùmhnant Ramsar.

Ach tha trioblaidean ann cuideachd air sgàth 's gu bheil cus ròsan-craobh (Rhododendron ponticum) ann. Tha iad a' fàs cho luath nach eil cothrom fàis ann airson nan luibhean ionadail. A bharrachd air sin tha fungas puinnseanach a' thiginn còmhla ris na ròsan-craoibhe, fungas a mhaireas beò fhad seachd bliadhna san talamh agus a chuireas bàs air na luibhean eile.

Fiadh-bheatha

Eryri 
Snowdon beetle (Chrysolina cerealis)

Tha gu bhith 20% dhen fhearann ann an Eryri dìonta le laghan glèidhteachais leis an dàrna leth dhiubh mar Ionad Sònraichte Glèidhteachais.

Tha beathaichean a tha gann a' fuireach an seo. Chithear feòcallain, dobhrain agus gobhair fhiadh an seo ged nach fhacas an taghan (martes martes) fad cuid bhliadhnaichean. 'S e Eryri an t-àite a-mhàin ann am Breatainn far a bheil an Snowdon beetle (Chrysolina cerealis) a' fuireach, daolag le gach dath sa bhogha-fhrois.

An t-sìde

'S e aon de na h-àitichean as fliuiche anns an Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Eryri le Crib Goch mar àite as fliuiche. Airson na 30 bliadhna sa chaidh bha an cuibheas bliadhnail de dh'uisge mu 4473 mm (176.1 in) an seo.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Eryri 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Eryri AinmeanEryri A Phàirc nàiseantaEryri Sreath bheanntanEryri CoiseachdEryri ÀrainneachdEryri IomraidheanEryri Ceanglaichean a-machEryriCo-chomharran an Domhain

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Rìoghachd eSwatini399Beart-chlòEabhra8810IapanaisDraoidhAm PlocAna CasaresNa h-Eileanan SiarNa h-Eileanan FilipineachTobar an DualchaisJarosław DąbrowskiSaskatoon1804Dùn Dèagh1200MòineBarbadosPär Fabian LagerkvistSalvatore QuasimodoBenito Mussolini18SulawesiFiodh11GlaschuSAn GibleanBoireann-dhligheachasGCoirèa a DeasAristotelisCatarSanto DomingoSgioba Nàiseanta Ball-coise nam Ban AlbannachFang (eun)J. R. R. Tolkien1912Gavrilo PrincipR17 an GibleanUisgeArnhemRouenCarbon dà-ogsaidWashington, D.C.11mh LinnAlbaMoldàibhiaMeasRèidioCrìosdaidheachd1607Prìomh-mhinistear Innise TìleGerhard HerzbergEaconomaidhPrìomh-DhuilleagBith-eòlasNa h-Aimearagan39An Gut-a-TuathIPAÈirinn (eilean)1931448Bean-nigheSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasForbesJean-Marie Lehn🡆 More