B’ e ceimigear a bh’ ann an Ellen Henrietta (Swallow) Richards.
Ellen Swallow Richards | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Ellen Henrietta Swallow (Nellie) |
Breith | Dunstable (en) , 3 dhen Dùbhlachd 1842 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Àite-fuirich | Jamaica Plain (en) |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs | Boston, 30 dhen Mhàrt 1911 |
Àite-adhlacaidh | Christ Church Cemetery (en) |
Teaghlach | |
Cèile | Robert Hallowell Richards (en) (4 dhen Ògmhios 1875 - |
Foghlam | |
Foghlam | Massachusetts Institute of Technology Colaiste Vassar Westford Academy (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear, neach-teagaisg oilthigh, eaconamaiche, ecologist (en) , environmentalist (en) , sgrìobhadair agus meteorological observer (en) |
Fastaichean | Massachusetts Institute of Technology |
Duaisean a fhuaras | liosta
|
Buaidh | Maria Mitchell (en) |
B’ ise a’ chiad bhoireannach anns na Stàitean Aonaichte aig an robh cothrom a dhol gu sgoil teicneòlach, MIT ann am Boston, as dèidh dhi ceum a dhèanamh aig Colaiste Vassar. Bu i cuideachd a' chiad tè a fhuair ceum ann an ceimigeachd. Theagaisg i ceimigeachd eadar 1873 is 1878 gun tuarastal neo tiotal is stèidhich i deuchainn-lann nam ban ann an 1876. Chaidh i na leas-ollamh ann an 1879, a-rithist gun tuarastal. Eadar 1887 is 1897 bha i na neach-sgrùdaidh uisge airson na Stàite Massachusetts is theagaisg i aig MIT gu ruige 1911.
Rugadh i air 3mh an Dùbhlachd 1842 ann an Dunstable, Massachusetts. Chaochail e air 30mh am Màrt 1911 ann an Jamaica Plain, Massachusetts.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ellen Swallow Richards, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.