Eilidh Watt: Sgrìobhaiche Gàidhlig

B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Eilidh Watt (1908-c.1996).

Eilidh Watt
Beatha
Breith Dùn Bheagain, 22 dhen Fhaoilleach 1908
Dùthaich Eilidh Watt: A beatha, Obair Sgrìobhaidh, Clàr-leabhraichean Alba
Bàs Inbhir Nis, 1996
Àite-adhlacaidh an t-Eilean Sgitheanach
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-teagaisg

A beatha

Rugadh i anns an Eilean Sgitheanach. Fhuair i foghlum an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus an uair sin ann an Oilthigh Ghlaschu.

B' e tidsear a bh' innte anns na Hearadh, am Port Rìgh agus Fìobha. As dèidh dhi a dreuchd a leigeil leatha, thill i dhan Eilean Sgitheanach.

Tha i aithnichte mar 'tùs' airson an Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig air loidhne airson trì rudan:

  • lunn-chas
  • à pliùm
  • às an adhar

Obair Sgrìobhaidh

Sgrìobh i mòran sgeulachdan agus dealbh-chluichean. Thathas a' creidsinn gur i a sgrìobh an àireamh as motha de sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig. Tro na 1970an agus na 1980an, cha mhòr gun do nochd iris Gairm gun sgeul le Watt na bhroinn. Sgrìobh i ficsean agus neo-fhicsean. Tha na h-artaigilean neo-fhicsean a sgrìobh i do dh'irisean uile san liosta shìos mar 'aistean'.

Thòisich i sgeulachdan a sgrìobhadh dhan rèidio mu 1950.

Mar Iain Mac a' Ghobhainn, tha stoighle aice a tha pongail, soilleir. Ann an beachd Moray Watson, is iad 'A' Bhàs', 'Ribeanan Dearga', 'Pururaich Cait', agus 'Seumas' cuid dhe na sgeulachdan as fhearr aice. Is e cùisean os-nàdarra cuspair a nochdas gu tric na cuid sgrìobhaidhean.

Clàr-leabhraichean

Cruinneachaidhean

  • A' Bhratach Dealrach (1972) (Inbhirnis: Club Leabhar) (cruinneachadh de sgeulachdan goirid)
    • ‘A’ Bhratach Dhealrach’, d. 7-22
    • ‘N h-Uird Mhóra’, d. 23-41;
    • ‘Litir an Lagha’, d. 42-50;
    • ‘Ach ‘na Dhùthaich Fhéin’, d. 51-63;
    • ‘Bha Duilleagan air Chall’, d. 64-76;
    • ‘Adhaircean Mhóra’, d. 77-93;
    • ‘An Neochiontach’, d. 94-117;
    • ‘Snathad Bheag an Uair Sin Snathad Mhór’, d. 118-127.
  • Latha a' choin duibh; agus, Ipilidh sgeulachdan (1972) (Inbhirnis: Club Leabhar). [na dealbhan le Seumas Donn] (sgeulachd chloinne)
    • ‘Latha a’ Choin Duibh’, d. 1-35;
    • ‘Ipilidh’, d. 37-47
  • Gun fhois: Sgeulachdan mun Dà Shealladh (1987) (Edinburgh: Macdonald Publishers) ISBN: 0863340601
    • chan eil tiotalan air na sgeulachdan ach àireamhan

Sgeulachdan goirid

  • 'An t-Ogha' (1970) ann an MacDhòmhnaill, Coinneach D. (deas.) Briseadh na Cloiche agus sgeulachdan eile Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 77-81.
  • 'Aon Fhacal anns an Dus', (1972) Gairm Àir. 78, d.111-116.
  • 'An Reic' (1972) ann an Donnchadh MacGuaire (deas.). Mu ‘n cuairt an Cagailte Inbhirnis: Club Leabhar, 57-63.
  • 'Alasdair Dubh Domhnallach' (1972) ann an Donnchadh MacGuaire (deas.). Mu ‘n cuairt an Cagailte Inbhirnis: Club Leabhar, 73-79.
  • 'An Duine Cumanta', Gairm 1972 Àir. 79, d 205-209.
  • 'An Tacharan', (1972) Gairm Àir. 80 Am Foghar, d. 335-340.
  • 'An Còta', (1973) Gairm Àir. 82 An t-Earrach, d 123-126.
  • 'An Comharradh', (1973) Gairm Àir. 83, d 213-214.
  • 'An-diugh 's An-dè', (1973) Gairm Àir. 83, d 273.
  • 'Solus/Solas', (1973) Gairm Àir. 85, d 60-63.
  • 'Anns a' Cheann Thall' (1974) Gairm Àir. 86, d 159-162.
  • 'Fliuch do Shùil', (1974) Gairm Àir. 87, d 233
  • 'An Ìobairt', (1974) Gairm Àir. 88, d 353-357.
  • 'Bannan', (1974) Gairm Àir. 89, d 13-18.
  • 'Calman Geal', Gairm 1975 Àir. 90, d 155-160. (cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm d.44-49.)
  • 'An Cumhnant' (1975-6) Gairm 93, d 11-16.
  • 'An Tè-leasachaidh', Gairm 1976 Àir. 95, d 239-242.
  • 'Far-ainm', Gairm 1976 Àir. 96, d 310-314.
  • 'Curstaidh', Gairm 1977 Àir. 99, d 257-261.
  • 'Buadhach is Sgriost', Gairm 1977 Àir. 101, d 23-26.
  • 'Ribeanan Dearga', Gairm 1978 Àir. 103, d 275-276.
  • ‘Teine a Loisgeas’ (1979) ann an Amannan : Sgialachdan Goirid [Duneidinn]: U & R Chambers, d. 17-27.
  • ‘An t-As-Creidhmeach’ (1979) ann an Amannan : Sgialachdan Goirid [Duneidinn]: U & R Chambers, d. 95-100.
  • 'Sligean Falamh', Gairm 1979 Àir. 106, d 121-125.
  • 'Seonaidh na Theinn', Gairm 1979 Àir. 108, d 333-338.
  • 'Dà Ìomhaigh', Gairm 1980 Àir. 110, d 176-180.
  • 'Sinne na Fir A-nis', Gairm 1980 Àir. 111/112, d 280-284.
  • 'Lorgaidh an Uair an Duine', (1981) Gairm Àir. 114, d 136-138.
  • 'Dìleas', (1981) Gairm Àir. 115, d 249-254.
  • 'Duine Beag is Duine Mòr', (1981) Gairm Àir. 116, d 308-313.
  • 'Cha B' Ann Mar Seo a Bha Iad Air TBH (TV)', (1981) Gairm Àir. 117, d 41-44.
  • 'An Ceathramh Fear', (1982) Gairm Àir. 119, d 219-223.
  • 'Puraraich Cait', (1982) Gairm Àir. 118, d 130-134.
  • 'Mur B' e', (1982) Gairm Àir. 120, d 337-341. (cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm d.75-80.)
  • 'An Dèidh-làimh', (1982-83) Gairm Àir. 121, d 33-37.
  • 'A' Tighinn Gu Cala', (1983) Gairm Àir. 122, d 111-116.
  • 'Roghainn', (1983) Gairm Àir. 123, d 232-236.
  • 'Na Màthraichean', (1983-84) Gairm Àir. 125, d 61-65.
  • 'Car eile 'n Adhairc an Daimh', (1984) Gairm Àir. 126 An t-Earrach, d 159-163.
  • 'An Seot', (1984) Gairm Àir. 128 Am Foghar: 354-358.
  • 'Cha Chreach Thu Nead na Smeòraich', (1984) Gairm Àir. 129 An Geamhradh, d 28-32.
  • 'Ainm a' Chiad Ghille', (1985) Gairm Àir. 132 Am Foghar, d 335-338.
  • 'Crìochan', (1985) Gairm Àir. 133, d 47-52.
  • 'Bràithrean', (1986) Gairm Àir. 135, d 248-255.
  • 'Seumas', (1987) Gairm Àir. 141, d 71-86.
  • 'Roghainn', (1988) Gairm Àir. 143, d 260-263.
  • 'An Neo-dhàimheil', (1989) Gairm Àir. 146, d 124-127.
  • 'Mordo Beag', (1990) Gairm Àir. 151, d 270-275.
  • 'Seann Cleasan is Cleasan Ùra', (1990) Gairm Àir. 153, d 19-22.
  • 'Duilleag air a Sèideadh leis a' Ghaoith', (1992) Gairm Àir. 158, d 141-147.
  • 'Is Toigh Leis an Fheannaig', (1993) Gairm Àir. 164, d 319-332.
  • 'Bacan air a' Chluais Chlì---, (1994) Gairm Àir. 167, d 203.
  • 'An Spìonadair', (1995) Gairm Àir. 170, d 183-185.
  • 'Peataichean?' Gairm 1976 Àir. 97, d 44.

Aistean

  • 'A' Bhàs' (1971) Gairm Àir. 75, d 217-220.
  • 'Oighreachd a Thathas a' Call', Gairm 1972 Àir. 79, d 259-260
    - aiste mu fhaclan is abairtean air an robh i eòlach na h-òige.
  • 'Meallag agus Iuchair' (1975) Gairm 92: 358:359.
    - aiste air ithe éisg
  • 'Fluich do Shùil' (1974) Gairm 87: 233-6.
    - aiste mu creideamhan mu sùilean
  • 'Fàinneachan', Gairm 1971 Àir. 77, d 49 / No 77, p 49
    - carson a bhios neach a' cosg fàinne
  • 'A' Bhròg is Brògan', Gairm 1972 Àir. 78, d 153
    - brògan glainne a fhuaireadh ann an uaigh ann an Cologne
  • 'Comhairle don Ghaisgeach is Don Ghealtaire', Gairm 1971 Àir. 75, d 254
  • 'Na Tonnan nar n-Aghaidh', Gairm 1972 Àir. 80, d 363
    - eucoir/mì-cheartas an aghaidh mhnathan agus chloinne. Am Merchant of Venice
  • 'Coigreach', Gairm 1972 Àir. 81, d 43
    - Fionnlagh MacCuing a rugadh 's a thogadh ann an Hiort, 's a chaochail ann am Fìobha.
  • 'Sgiathan an Dealain-dè', Gairm 1973 Àir. 84, d 313-318.
*'Asal Bhalaam', Gairm 1974 Àir. 89, d 54-58.   
    - iomradh air na seann sgeulachdan a bh' aig an Urr. Iain MacAonghais ann an "Buidseachd is Dìomhaireachdan Eile" agus cho math 's a chòrd iad ris an sgrìobhaiche.
  • 'Meallag agus Iuchair', Gairm 1975 Àir. 92, d 358
    - biadh - na h-Eileanan Siar - iasg - ceann cropaig - sgadan msaa.
  • 'Cisteachan-laighe', Gairm 1976 Àir. 94, d 123
  • 'Daoradh an Fhearainn', Gairm 1976 Àir. 94, d 161
  • 'Tha na Clachan Balbh', Gairm 1978 Àir. 105, d 41
    - cainnt a sinnsearan, à Gleann Dail, san Eilean Sgitheanach; Barpannan/Barpa msaa.
  • 'Buaidh an Fhacail', Gairm 1980 Àir. 111/112, d 247-248
    - sinnsireachd agus càirdean a' tighinn air chèilidh o thaobh thall an t-saoghail.
  • 'An Saoghal Mun Cuairt Dhuinn', (1980) Gairm Àir. 113, d 32
  • 'Euchdan Mòra a dh'Aom: Criomagan bho Eachdraidh Chloinn Mhic Asgaill', (1983) Gairm Àir. 124, d 347
  • '?' (1984) Facal air an Fhacal Àir. 2 An t-Earrach 1984, d. 44-46.
    - bruidhinn mu a cuid obrach mar sgrìobhadair

Ann am Beurla

  • Some personal experiences of the second sight (1989) ann an Hilda Ellis Davidson (deas.) The Seer in Celtic and Other Traditions Edinburgh: John Donald ISBN: 978-0859762595

Mu a sgrìobhaidhean

  • MacThòmais, D. (1987-8) 'Review of Gun Fhois ' Gairm Àir. 141, d.90.
  • Watson, Moray (2011) An Introduction to Gaelic Fiction Edinburgh: EUP d.81-82 & d.141-142.

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean

Tags:

Eilidh Watt A beathaEilidh Watt Obair SgrìobhaidhEilidh Watt Clàr-leabhraicheanEilidh Watt Ceanglaichean a-muighEilidh Watt IomraidheanEilidh Watt19081996

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FionnlannaisCeann-fionnAn Dàrna CogadhAirgead (malairt)BeathaicheanAdolf HitlerAinmeanAlbertaDùn Èideann7mh Linn1902PBogotáAibidil Eabhra21 an GibleanRuaraidh MacFhionghainAn Cogadh MòrHermann HesseBaile Átha CliathAimearaga a TuathSpòrsLuibh-eòlas1578Castelló obh obhSuainisCruinn-eòlasPrìosanJohn MuirCeòlDonostiaCruit19 an Dùbhlachd21 an t-ÒgmhiosAJohn Paul JonesLee MarvinLàrach-lìnAinmh-eòlasPoileataigsBurundaidhAlexei NavalnyFluarainNa Stàitean AonaichteIntegrated Authority FileAn t-SuainProbhaistCarl BoschÀrsaidheachd1260anCailein T. MacCoinnichZDùthaich nam BasgachVáclav HavelBuain na mòna1627ZenanaAonachIain Eairdsidh MacAsgaillGiùlanIomadachadh12 an t-ÒgmhiosMìosachanEuroCoimpiutaireachdMiotas-eòlas🡆 More