Eadar-Theangachadh A' Bhìobaill Gu Gàidhlig

Tha eadar-theangachadh a' Bhìobaill gu Gàidhlig a' dol air ais gun bhliadhna 1801.

'S e Seon Carsuel, Easbaig nan Eilean, a chuir Gàidhlig air Foirm na n-Urrnuidheadh ann an 1567. Ged a tha an cànan ann nas fhaisge air Gàidhlig Chlasaigeach na Gàidhlig, thathar a' gabhail ris mar a' chiad leabhar a chaidh a chlò bhualadh sa Ghàidhlig. Rinn Dùghall Caimbeul a bhuineadh a Chnapadal eadar-theangachadh dhen t-Seann Tiomnadh ann an 1673 ach 's e làmh-sgrìobhainn a bh' ann agus cha deach fhoillseachadh a-riamh. Bha James Kirkwood (1650-1709) a' brosnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus rinn e oidhirp tionndadh dhen Bhìoball Ghaeilge a rinn William Bedell ach cha do shoirbhich leis, ged a shoirbhich le pròiseact eile, foillseachadh de shalmadair sa Ghàidhlig ann an 1684.

Cha b' ann ach an dèidh Blàr Chuil Lodair ann an 1746 gun do thòisich an Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge air Gàidhlig a chur air a' Bhìoball ann an da-rìreabh a-mach on bhliadhna 1755. Anns a' chiad dol a-mach, chaidh an Tiomnadh Nuadh fhoillseachadh le Seumas Stiùbhart (1701-1789), ministear Chill Fhinn, agus am bàrd Dùghall Bochanan ann an 1767. Stèidhich Seumas obair air an tionndadh Ghreugais agus chuir Dùghall piseach air a' Ghàidhlig. Chaidh am Bìoball slàn fhoillseachadh mar thoradh air sin ann an 1801.

Tùsan

Tags:

CnapadalGàidhlig ChlasaigeachSeann Tiomnadh

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An t-ÒgmhiosCuan SèimhBulgàiriaMeur-coise14 an Giblean1918Khayr al-Din al-Ramli1980anOsascoSlàinteBùth1493AibidilAn Caisteal NuadhTDDi-LuainMuscatHausbrunnRiihimäkiCarraig Fhearghais194773420 an DàmhairFarsaingeachdHindi1831Am Baile SearCaersws1816Àrc-eòlasBeanFaoileagAn CèiteanLoch LaomainnNASAAn t-SileLiosta dùthchannan a-rèir àireamh-shluaighGealachCiNii25 an GibleanDonald TrumpEaglais1892F. Sherwood RowlandNeach-poileataigs2019An ArgantainL5341595MinskFìdiDépartement24 an GibleanNapoleon BonaparteAn t-SuainBun-sgoilSpringfield, IllinoisDùghlas RossMSardainiaNevadaAchadh na CroiseLodainn an IarCrudhaMarylandBreatainn MhòrFelidae🡆 More